GF147i06 EAGLAIS 'NA TEINE Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha sibh a' cur tuilleadh air—. [BREAK IN TAPE] Bha—a bhruidhinn air rud a chumadh taighean gun teine, chaidh eaglais ann an ceàrna 'na teine agus nuair a loisg a' stìoball, thuit an clag sìos air an làr is bhrist e; chaidh e 'na bhlòighean agus bha feadhainn aca seanchas ann an taigh oidhche is thuirt fear aca, "Tha 'ad a' canail riumsa, taigh a's am biodh pìos dhe 'n chlag sin nach rachadh e idir 'na theine." Uell [shuidh?] shuas a' fear eile, "Nach robh e uile 'san eaglais; chaidh i 'na teine."