GF146i10 MAR A FHUAIR AN T-AMADAN AIR THOISEACH AIR AN DUIN' UASAL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Tha naidheachd agam a chuala mi aig cuideigin an naidheachd ach chan eil mi buileach cuimhneachail aig an àm có aig an cuala mi an naidheachd, ach g' eil mi 'n dùil gur ann aig [Eòsaph?] Mac'Ill'Eathain a chuala mi ach leugh mi co-dhiù 'n naidheachd agus 's e an naidheachd a bh' ann air uachdaran sònraichte a bha—bha coltach a's an àm gur robh e dol a chur air falbh cuid dhe na sagairt a bha 'san tìr a bha seo, gu robh móran diubh a bha—[diubh?]—nach gu robh móran dhiubh ann. Agus cha robh 'ad toirt móran creideimh ri géilleachdan do ghnothach na' sagart co-dhiù. Agus bha seann sagart anns a'—[?] a th' ann sagart anns a' cheàrna, Maighstir Iain, agus bha eagal orra gu rachadh esan a chur air falbh co-dhiù. Agus fhuair an duine garg a bha seo fios air latha agus thuirt e ris gu robh e 'g iarraidh tighinn thuigesan air a leithid seo latha agus trì cheistean a chuireadh e air fhuasgladh agus mura fuasgladh e na ceistean gu feumte a chur air falbh. [John Shaw:] Seadh. [JNMN:] Ma dh'fhaoidte gu bheil—gu rachadh a chur gu bàs. Ach co-dhiù thàinig e dhachaigh. Thill e air n-ais dhachaigh agus cha robh coltas air gu robh e glé shunndach a's an àm agus bha—bha bràthair dha. 'S e amadan a bh' ann. Bha sin na bha e air an dùil agus bha e foighneachd dha 's ó cha robh e toirt feart innse dha. Ach co-dhiù thuirt e ris gu b' fheàrr dha innse dhasan gu dè a bha dol. Có—gu b' e [?] mar a bha cùisean, agus dh'inns e dha seo mar a bha e. "Ó," ars' esan, "Bheir mise leam ur cuid aodaich 's e tha iad uile ag ràdh gu bheil sibh cho coltach ri chéile agus 'nar meudachd 's 'nar dreach agus rud a tha 'ad uil' ag ràdh 's còir gu bheil e fìor agus cuiridh mis' orm ur cuid aodaich-se agus falbhaidh i 'nur àite-se. Agus ged a rachainn-sa chur gu bàs, gu dé an call a th' ann? Mis' a dh'fhalbh seach sibh fhéin?" Ó chan éisteadh a' fear eile ris a leithid idir. Cha robh e idir idir aontaichte le leithid sin a bhith dèante. Agus chaidh an gnothach seachad mar sin ach ré na h-oidhche mur robh aigesan ri falbh, dh'éirich a' fear, an t-amadan, agus ghoid e aodach Maighstir Iain agus chuir e uim' 'ad agus thog e rithe. Nuair a dhùisg e, Maighstir Iain, 'sa mhadainn, bha an t-aodach a bhiodh e cosg air falbh, air toirt—air a thoirt air falbh agus dh'aithnich e gur e a bhràthair a ghoid leis an t-aodach. Agus smaoinich e gu falbhadh e ás a dheòghaidh airson a thilleadh, 'son stad a chur air ach ghabh e sin eagal gur faoidte gun d' ràinig, gu ruigeadh e àite 'n duine bhorb a bha seo air thoiseach airsan agus nan tigeadh 'ad ann le chéile aig an àm, gum biodh an uair sin a' chùis gu math cunnartach agus smaoinich e gu leigeadh e leis falbh ge b' dé dh'éireadh dha, cha bhiodh atharrach air. Agus co-dhiù, tràth 'sa mhadainn, cha robh 'ad—bha 'ad—an duin' uasal seo gun [éirinn?] nuair a ràinig an t-amadan 's bha e spaidearachd a-mach mu'n cuairt aig an taigh. Agus co-dhiù, chunnaic, chunnaic seirbheiseach e agus chaidh innse gu robh e ann agus chaidh teachdaire a-mach thuige an dh'ionnsaigh an taighe. Chaidh an t-amadan a-staigh. Chaidh e a shuidhe agus chaidh e an uair sin a threòrachadh a-staigh do sheòmbar agus chaidh e 'staigh dha 'n t-seòmbar a bha sin agus bha an duine borb a bha sin 'na shuidh' a-staigh a's an t-seòmbar agus, "Tha thu air tighinn," ars' esan. "Tha," ars' an t-amadan. Agus, "A bheil thu deiseil airson nan ceistean a tha mi dol a chur ort?" "Tha mise," ars' esan, "Cluinneam na ceistean." "Ó," ars' esan, "'S e chiad cheist tha mise dol a chur ort: Càit' a bheil meadhan an t-saoghail?" Agus dh'éirich an t-amadan agus chuir e bata 'na sheasamh ann an—air ùrlar an t-seòmbair ma bhith—car mu mheadhan an t-seòmbair agus thuirt e, "Sin far a bheil teis-meadhan an t-saoghail." Agus, "Gu dé an dearbhadh a bheir thu dhomh gura h-e sin meadhan an t-saoghail? Chan eil mi," ars' esan, "'Ga chreidsinn." "'S e an dearbhadh a bheir mise dhuibh," ars' esan, "Ma nì sibh-p fhéin a dhearbhadh nach eil e ann. Tòisich sibhse bho 'n taobh—tomhaisibh an ear 's an iar 's a' tuath 's a' deas air a' bhata sin mu'n cuairt a' saoghail agus ma gheobh sibh [le thoil?] nach a gheibhear ás an astar ann an aon seach a th' ann dhiubh, tha mise deiseil airson fuireach air a shon." Ó thuirt an duine uasal gur e—b' fheudar—gu 's fheudar dha géilleachdainn dha gur 's fheudar dha chreidsinn, gur e riar—'s fheudar dha gum bi e rairaichte nis leis a fhreagairt gu [h-iomlan?] a ghabhail leis. "Ach tha ceist eile agam ri chur ort. Agus mura freagrair thu i sin dhomh, bidh atharrach air cùisean." "Cluinneam a' cheist," ars' an t-amadan. "Tha mi," ars' esan, "A' faighneachd dhìot co mheud rionnag dha àrd 'sna speuran?" "Co mheud rionnag a tha dha àrd 'sa speuran?" ars' esan, "'S e ceist dhomhain a tha sin. Tha mi," ars' esan, "A' dèanamh iarrtas airson tacan beag de dh'ùine a thoirt dhomh a's an t-seòm—ann an seòmbar leam fhìn gus sin a mheòrachadh a-mach." "Ó gheobh thu dha sin gun teagamh." Agus chaidh a threòrachadh gu seòmbar beag 's chaidh e 'staigh dha 'n t-seòmbar. Agus an ceann greis de dh'ùine thàinig e 'mach agus pìos mór de phàipear aige agus e—na h-uil' [?] mar a bheir 'ad na h-uile reultan uile gu léir le—far robh e stobadh prìn' ann. "Seo," ars' esan, "Fhuair thu seo chunntais rionnagan a tha 'san iarmailt. Cha b' urrainn dhe 'n, dhe 'n duine an gnothach a chuideachadh. Dh'fheumadh e aideachadh gun d' thug e dha a chunntais, bha 'ad air a' phàipear 's cha robh aige fhéin ach an cunntais. Agus thuirt e ris gu feumadh e gabhail ris a fhreagairt a bha sin, a bhith riaraichte leis. Ach ars' esan, "Tha ceist agam ri chur ort a-nist. Agus 's i a's duilghe na càcha uile. "Seadh," ars' esan, "Cluinnidh mi cheist a tha sin." "Tha mi a' faighneachd dhiot," ars' esan, "Gu dé tha mi smaointinn? Có air a tha mi smaointinn?" 'S rinn an t-amadan gàire. "Ó," ars' esan, "Sin a' cheist a's fhasa dhomhsa fhathast a fhreagairt." 'S choimhead a' fear eile is, "Dé an dòigh a's a bheil thu 'ga chantail sin?" "Tha sibh a' smaointinn," ars' esan, "Gur sibh a' bruidhinn air Maighstir Iain. Ach chan eil. 'S ann a tha sibh a' bruidhinn ris a—ri bhràthair, an t-amadan." "Ó chan eil," ars' esan, a' fear eile. "'S ann a tha an t-amadan a' bruidhinn riutsa. 'S mise an t-amadan agus cha tusa. Agus bheir—théid thusa dhachaigh agus cuiridh tu fios gu Maighstir Iain sin far a bheil mise 's g' 'eil mi 'son tacan a thoirt a sheanchas ris." Agus sin agaibh an naidheachd, mar a, mar a leugh mi—a chuala mi cuideachd ma dheidhinn—mar a dh'éirich dha 'n amadan a chaidh a bhruidhinn ris an duine borb.