GF145i02 A' GOID NAN SNÈAPAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bàrd: Ruairidh Ruadh | Rory MacNeil Bha fear Ruairidh Ruadh a bheireadh 'ad ris MacNìll a bh' ann, agus chaidh tùirneapan a bh' ann am pàirc' aige, na snéapan, ma thogras sibh, a ghoid. Agus rinn e fhéin òran dhan—mu dheidhinn goid nan tùirneapan. Agus 's e a' séist a chuir e air: [Séist:] Mise dh'fheumadh a bhith m' chaithris, Mar tha na méirlich 'gam charadh, 'S mise a dh'fheumadh a bhith m' chaithris. Na tùirneapan a bh' aig Ruairidh, Gun deachaidh buan ás an talamh. Chan eil toiseach a' rann agam mu dheidhinn idir gur m' amharas: gur trom air a' chroman chrom ud aig a' chaillich. Ach bha ceathramh ann a's an d' thuirt e: Gur e mór a thoirt [nàire?] dhan mhaighdeann, Bhith 'call a guidheadh gun tarraing. Agus thuirt e: Cha bhith mi buileach uile 'gur dìteadh, Faighinn fhìn 'ad do Niall Chaluim. Nuair a thigeadh e bho iasgach, Gur faighinn gun iarraigh bloigh dheth. Agus sin na bheil cuimhn' agam dhen òran. Bha oidhche—bha ogha do Ruairidh Ruadh air chéilidh a's an taigh againn fhìn agus té a bha gu math càirdeachd dha, do Ruairidh Ruadh, bha i air chéilidh a's an taigh air an oidhche bha seo 'san taigh againn agus sheinn i an t-òran a bha seo, a rinn Ruairidh Ruadh, dhen—mu dheidhinn nan tùirneapan 's air a bha i réidh, thuirt e, 's e mo sheanair a rinn an t-òran sin. Agus sin agaibh an naidheachd agam air, air na bàrdachd Ruairidh Ruadh.