GF144i02bN AM FITHEACH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha nead a rinn Brìd', Is ugh air Inid is eun air Chàisg, 'S mur bu sin aig an fhitheach, Bithidh am bàs. Tha e coltach gu robh 'ad 'ga chunntais math nam biodh an Inid a' tighinn anmoch anns an ùine. Nan tigeadh i tràth 'sa—'san earrach 's a bha e 'sa Ghearran, bha—bha 'n droch-shìde dol a bhith ann pailt mura biodh an nead aige—aig a—air an—air an Inid agus ugh air Inid aig' agus eun air Chàisg. Mura biodh sin aige, bhiodh am bàs.