GF143i04 AN TEINE BIORACH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Agus ag iomain a-null 's a-nall bho an darna seanchas a dh'ionnsaigh an t-seanchas eile a bhith bruidhinn air gnothaichean eile. Bha rud a bhiodh 'ad a' faicinn os chionn an uiste air a' chuan na air na lochan, ris an canadh 'ad an teine biorach. Ge be gu dé seòrs' a' rud a bhiodh, dé seòrsa dhe 'n teine a bh' ann, bhiodh 'ad 'ga fhaicinn a's, tric gu leòr nuair a bhiodh 'ad a-muigh leis na bàtaichean. Ach, chan eil fhios agamsa gu dé seòrsa teine a bh' ann na có ris a robh e coltach. Chan fhaca mi riamh an teine biorach. Bha a h-uile teine a chunna mise, bha 'ad maol gu leòr. 'S ann an stòbhaichean a bha mi 'gam faicinn. Ach, bha gnàthas-cainnt' aca cuidheachd. Bhiodh 'ad a' bruidhinn air fear a bha 'falbh mu 'n cuairt, bha 'n duine ud na leithid seo a dh'àite 's bha e na leithid siud agus dh'ainmich 'ad gu robh e 'n taobh-sa 's an taobh ud eile. Bha e 's a' Bhaile Mhóir 's bha e 's a' Bhaile Bheag agus càite nach robh e? 'S chanadh 'ad, chanadh 'ad, "O, nach eil an duine tha sin, nach eil e cho math gu siubhal ris an teine bhiorach."