GF143i03 AN T-ANAM-SA AIR DO LÀIMH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil A-measg gach gnàth-chainnt is rannan is nithean a bh' aca, bha, bha fear, bha Mìcheal Mac'Illeathain (Mìcheal Iain Chaluim) bha ùrnaigh aig' a bhiodh iad a' gabhail nuair a bha neach a' fàgail an t-saoghail. O bha i, bha i mar an ceudna aig Fionnladh Dòmhnallach a dh'aithnmich mi roimhe anns na sgeulachdan. Agus bha i aig Gilleasbuig MacUalraig cuideachd. Agus bhiodh iad a' cur comharradh na croiseadh fairis air aodann an neach a bha, a bha fàgail an t-saoghail. Agus os cionn anail an duine bhiodh iad a' cur comharradh na croiseadh agus aig an àm bhiodh iad ag ràdh, "An t-anam-sa orra làimh, a Thighearna, bhon is tu fhéin a cheannaich an t-anam seo." Agus chanadh iad, "Mìcheal Geal an t-àrd aingeal a bhith an coinneamh, a thighinn an coinneamh agus an còmhdhail an anam' tha seo." Agus bha e, bha iad a' crìochnachadh na h-ùrnaigh aig a sin. "S bhathar a' cur an sin tric a' cantail gus ma dh'fhaoidte fàgadh an duine saoghail. Agus 's e a' phears' anamana a bheireadh iad ris an ùrnaigh a bha sin. Agus chuala mi bhi 'ga h-aithris còrra uair nuair a bha duine mar, a thuirt 'ad, ann an spàirn a' bhàis.