GF134i10 AN DUINE BHIODH FADA GUN ÉIRIGH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha fear sònraicht’ ann an—thall ann an Albainn, tha mi tuigsinn, ris an canadh iad Calum Seòlta. Agus bha móran de sheanfhacal aigesan. Agus tha mi cinnteach on a dh’ainmich mi Calum Seòlta gun do leugh mi fhìn anns a—ann an leabhar no ’m pàipear gun canadh Calum Seòlta, "An duine bhiodh fada gun éirigh gum biodh e ’na leum fad a' latha." Agus tha e coltach gu robh Calum Seòlta seòlta gu leòr.