GF134i06 NACH E 'N T-SÙIL A GHLÉIDHEAS SEALBH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Agus mar an ceunta, bha gnàthas-chainnt aca mu dheidhinn duine a bhiodh cùramach airson coimhead às deoghaidh gno—nithean, agus chanadh 'ad, "Nach e an t-sùil a ghléidheas sealbh." Tha mi a' smaointinn gu robh 'ad a' ciallachadh leis a' sin gur e a bhith fuireachail, faiceallach air a h-uile nì a bhuineadh dhaibh 's a h-uile sian a chumail gun sian a leigeadh air seachran no air chall. Agus sin mo bharail-s' air a' chuid sin.