GF134i03 CHA BHI STUADH NA BOGHA A' BRISTEADH ORRA Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tha mi a' dol thoirt pàirt dhe na seanachasan a bhiodh aig — is gnàth fhacail a bhiodh aig an t-seann-fheadhainn. Bhithinn a cluinntinn aig fear nach maireann thall aig an taobh againn fhéin, bhiodh e a' bruidhinn air feadhainn a dh'fhalbh agus a-réir a bheachd-san bha 'ad gu bhith fortanach dheth co-dhiù, agus chanadh e, "Cha bhi stuadh no bogha bristeadh orra." Agus 's e seagh a bheirinn-s' ás a' sin: stuadh a bhristeadh orra gum, biodh a' sin stuadh a thigeadh a-staigh ann am bàta, 's ged nach dèanadh i bàthadh, chuireadh i trioblaid orra. Agus nam biodh 'ad sealg agus bogha bhristeadh, ged nach dèanadh 'ad cron mòr, chailleadh 'ad sealg air a thàilleabh. Agus 's e sin a' bhrìgh a bh' aige.