GF133i01 ANN AN TAIGH NAN TAMHASG Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bho chionn còrr is dà fhichead bliadhna, còrr math is dà fhichead bliadhna [uaithe?] a-nis, chuala mi sgeulachd aig Gilleasbuig MacUalraig shuas aig Gleann nan Éirinneach. Ach cha robh—bha Gilleasbuig MacUalraig air fàs dìochuimneach as an àm agus cha robh mise furachail gu leòr air sgeulachd a bh' ann ionnsachadh on nach robh aige ach pàirt dhith co-dhiù. Ach tha beachd agam gu robh e bruidhinn as an t-seanchas air an fhear a chaidh an thaigh nan tamhasg. Agus nuair a bha an gaisgeach seo a' cur ás dhe 'n fheadhainn eile agus bha cuid mhór mu thimcheall a' ghnothaich ach air sàilleabh an ùine a bhith cho fada air ais agus nach, nach do dh'ionnsaich, nach do dh'ionnsaich mi bhuaithe an sgeul aig an àm thaobh nach robh i aige gu iomlan, chaidh an gnothach air [treubh?] orm, dìochuimhne buileach. Ach g'eil cuimhn' agam fhathast air a bhith, air a chuid ud dhith, mu dhéidhinn nuair a chaidh na gaisgich a-staigh an taigh nan tamhasg agus a thòisich an cas a bha an gaisgeach mhór a' bualadh [craiche?] a' fear— an dàrna fear 'ga bhualadh air an fhear eile's e 'ga—'s e, bha e 'ga—[chuir?] crìoch orra'san dòigh a bha sin. Agus sin mar na bheil cuimhn' agam air, mu dhéidhinn a dhol a thaigh nan tamhasg.