GF131i03_132i01 IASGACH LEIS NA CRIATHAIR Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Thàna mi thairis air sgeulachd bheag uair agus 's ann mu dheidhinn feadhainn a bhith 'g iasgach shìos á—'s e "Iasgach leis na Criathair" a bha 'ad—a chanadh e—an t-ainm a thugar air a' sgeulachd mun d' thàinig 'ad gu crìoch. Bha tàillear sònraichte ann 's bhiodh e air falbh air—dhe na taighean, ri tàillearachd. Ó a's an àm dhe 'n t-saoghal a bh' ann, b' e sin an dòigh a bh' aca air a bhiodh feadhainn a' dèanamh—bha an tàillearachd air a dhèanamh. Thigeadh an tàillear agus dhèanadh an tàillearachd dhaibh 'san taigh. Mar a bha ceàirdean eile dh'fheumadh 'ad àite a bhith aca 'son an obair a dhèanamh, ach dhèanadh an tàillear an obair—bhiodh e falamh air feadh nan taighean gu—dol dha na taighean. Dar a tigeadh e gu taigh, ghabhadh e tomhas ri 'n fheadhainn a bha staigh agus, mar a bhiodh—mur a biodh an t-aodach aca, gheibhte an t-aodach a's a' bhùth agus rachadh an t-aodach a gearradh agus fhuaigheil agus bhiodh na deiseachan air an dèanamh gu math freagarrach agus snasail. Agus 's e seòrsa muinntir a bha 'sna tàillearan bha 'ad làn de sheanchas. Bhiodh naidheachdan ac', sgeulachdan beag' aca a bhiodh éibhinn agus a bhiodh neònach. Tha mi creidsinn ann an dòigheannan, ach bha mór chuid dhiubh, tha e coltach nach robh dona gu teachdaireachd bho thaigh gu taigh gu b' e dé chunnaic 'ad ann 'san dàrna taigh cha eil e gu—cha chanadh 'ad móran mu dheidhinn idir ann an taigh eile. Tha mi cinnteach gu robh an t-adhbhar aca air a' sin. Dh'ionnsaich mi fhìn cuid mhath dhe'n adhbhar sin, gu feumainn a bhith gàbhaidh furachail agus nach robh sian ri innse a's an—anns an dàrna taigh dhe'n a chunna mi 'sa chiad taigh. 'S bha mi fortanach gu leòr gun d' fhuair mi air n-aghaidh a' measg na cuideachd a's a' ghnìomh sin. Ach co-dhiù bha an tàillear a bha seo, thàinig e gu taigh sònraichte agus bha e 'dol a thòiseachadh air tàillearachd ann. Agus tha mi creidsinn gun do ghabh e an tomhas agus chuir e gach nì ann an òrdugh 's bha e—dh'fhuirich e an oidhche sin ann, agus anns a' mhadainn nuair a dh'éirich e 's a fhuair e deiseil, gu dé am biadh-madainneadh a thugadh dha ach sgadan ùr. "Ma dh'fhaoidhte," ars' bean an taighe, "Nach còrd am biadh seo ribhse, a dhuine. 'S e sgadan ùr a th' agam." "Ó còrdaidh gu teagamh," ar's esan. "Cha d' fhuair mise fhathast biadh an àite air an t-saoghal a b' e a chòrdadh rium na b' fheàrr anns a' mhadainn na deagh bhiadh do sgadan ùr." "Agus glé cheart," ars is', "tha mi fìor-thoilicht' ás a' sin a chluinntinn." Agus co-dhiù, thòisich e air na tomhasan a gabhail 's air gearradh 's air fuaigheil 's dh'fhuirich e oidhche 's nuair a dh'éirich e air a' làrna-mhàireach fhuair e an deagh bhiadh madainneadh, do sgadan ùr dhe 'n chuid a b' fheàrr. Agus fad 's a bha e anns an àite, tha fhios, cha bhiodh na tàillearan ach a gabhail air a socair co-dhiù 's cha b' urrainn dhaibh móran cabhag a dhèanamh duine ag obair air gearradh aodaich 's air an thomhas, thomhas, 's 'ga ghearradh 's ga fhreagairt 's 'ga fhuaigheil 's a h-uile—ó bha cuid mhór de dh'obair air agus dh'fheumadh 'ad a bhith gabhail saothair mhór dhe 'n obair no cha bhiodh i ceart uime sin [indechiperable] [tha e coltach?]. Co-dhiù fhuair e biadh madainneadh de sgadan ùr dhe 'n chuid a b' fheàrr, agus ó chòrdadh a' sgadan ùr ris air a' bhiadh madainne cho math co-dhiù. Ach, air an dàrna madainn, fhuair e sgadan ùr air a' bhiadh madainneadh agus bha sin 'na sgadan math. Nist bhiodh na tàillearan a' toirt greis do dh'ùine anns na taighean a's a' robh 'ad a' dèanamh tàillearachd a-réir na bhiodh ri dhèanamh de dh'obair. 'S cha dèanadh tàillearean obair luath, cha b' urrainn dhaibh. Cha robh 'ad ach a' fuaigheil air a' socair leth snàthaid agus bha aca ri tomhas a dhèanamh 's ri gearradh dhe 'n aodaich agus neartachadh mar sin de ghnothach ri dhèanamh timcheall air aodach, nach robh 'ad a' dèanamh le innealan luath idir agus cha bhiodh móran cabhag orra. 'S tha mi creidsinn nach robh 'ad ach saor às an àm nach robh e cosg móran a dhèanamh. 'S e glé bheag de thuarastal a bhiodh tàillear a' faighinn agus uime sin, cha bhiodhte gabhail fadachd air—a thaobh falbh. Agus thug e an aire air an treas madainn gur e sgadan ùr a fhuair e, agus b' e sin an deagh-sgadan agus fhad 's a dh'fhuirich e 'san àite 's e sgadan ùr a bha e a' faotainn air a' bhiadh madainne agus gu dearbh bha sin a' còrdadh ris an tàillear. Ach nuair a bha an obair aig an tàillear réidh an uair sin, fhuair e a-mach le faighneachd a's an taigh seo, càite—có an ath-fheadhainn a bhiodh dha iarraidh. Agus tha mi tuigsinn a h-uile sian dheth sin cho réidh a thaobh, bha mi fhìn ri obair agus bhithinn a's na taighean, a h-uile taigh a's a' robh obair, an obair a bhiodh e, bha mi dèanamh nuair a bhithinn réidh a's an taigh seo bha mi faighinn a-mach bhuapa có an ath-taigh dha robh mi 'dol. Neo bha bharagan air a dèanamh rium mun d'—nuair a bha mi 'g obair anns an taigh sin. Thigeadh coimhearsnach a-nall agus bheireadh e fios dhomh gu' robh e 'gam iarraidh neo dh'innseadh e, dh'fhàgadh e fios aig muinntir an taighe, agus co-dhiù sin mar a bha an tàillear a' falbh. Ach chaidh e dha 'n ath-taigh a thàillearachd. Agus fhuair e gnothaichean air saod agus dh'fhuirich e an oidhche sin agus gu dé b' ionntinniche leis an tàillear na gun d' fhuair e sgadan ùr air a bhiadh madainneadh a' chiad mhadainn a bha e ann. Agus chòrd e ris gu fìor mhath o chionn bha an tàillear, mar a thuirt e fhéin, bha leithid do spéis aige do sgadan ùr air bhiadh madainn. Ach ged a bha si—a' chùis mar sin chuir e seòrsa de dh'iongadh air agus gu seach àraid air an dàrna madainn, bha sgadan ùr ann a' sin roimhe air a bhiadh madainneadh agus bha sgadan ùr cho breagha ùr ris a' chiad sgadan ùr a chuir e nuair a thòisich e a's an taigh a's a' cheàrna bheag seo air tàillearachd. Ach, co-dhiù cha robh e leigeadh dad air. Chaidh latha neo dhà seachad, 's e ris an tàillearachd air a shocair agus a h-uile madainn bha a' sgadan ùr a' tighinn dha ionnsaidh, agus neo-ar-thaing e bhith còrdadh ris ach gu dé fios a bh' acasan, cha do dh'innis e riamh a's an taigh seo mu dheidhinn a' sgadain. Gu dé fios a bh' aca gu dé bha—bu chòrdadh ris an tàillear. Agus ged a bha an tàillear 'na dhuine tostach nuair a bhiodh e a-staigh cha robh e idir gun a bhith faicinn rud agus cha bhiodh e idir bodhar agus co-dhiù, bha e 'dol a chuir crìoch air an aodach air a' làrna-mhaireach ach 's ann a rinn e suas gu falbhadh e, gun oibricheadh e, bhiodh e—-gum biodh i cho anmoch a bh' aige a-màireach a' falbh, 'dol dhachaidh air a thuras, agus gur h-ann a chuireadh e crìoch air an tàillearachd a-nochd. Agus leth sin a dhèanamh, an obair a bha e dèanamh a's an taigh seo a' chuireadh e crìoch oirre, dh'fhaodadh e falbh tràth 'sa mhadainn agus bhiodh e aig an dachaidh a' robh e fhéin—dha robh e fhéin a' dol, neo bhiodh e aig àite far a' robh e eòlach mun tigeadh an oidhche air an ath-oidhch'. Bha gràin aige air a dhol thro àite nach—ceàrnan nach robh e eòlach air agus an oidhche thighinn air. Seo a leisgeul a ghabh e,agus dh'fhuirich 'ad co-dhiù—dh'fhuirich e co-dhiù. Ach ó cha robh gnothaichean a' falbh car, ro mhath ach mu dheireadh thall, bho 'n nach robh an còrr àrach air, dh'innis am boireannach dha gu robh e air a—gum biodh 'ad ag iasgach, a' falbh 'san oidhche a dh'iasgach. Agus co-dhiù, thàinig boireannach eile dh'ionnsaidh an taighe. Ó cha do chòrd an gnothach idir rithe, ghabh i fìor eagal nuair a chunnaic i an tàillear, 'na shuidhe 's e tàillearachd. Agus ó thuirt am boireannach a bha seo rithe nach ruigeadh i leas cùram na cunnart, [nach/cha?] robh cunnart dhith, na gu' robh an tàillear sàbhailte gu leòr, nach robh esan a' dol a dh'innse sian. 'S thuirt e nach dh'innseadh esan rud sam bith co-dhiù. Agus tha mi cinnteach gu robh deagh-bharail aca air. Cha tuig e guth idir air gun d' fhuair e sgadan a's a' chiad taigh a's a' robh e. Cha do leig e sian air dheth sin. 'S mar a bha a' fortan a-mhàin dha agus bha móran earbsa ás co-dhiù. Agus 's ann a dh'fhalbhadh e còmhla riutha nan toilicheadh 'ad fhéin, na nan togadh 'ad fhéin a' gabhail nan cuideachd. Ó dh'aontaich 'ad, dh'aontaich 'ad gu' robh—gum biodh sin math gu leòr agus tha mi cinnteach gu robh 'ad a' smaointinn gu robh e ceart cho math dhaibh an tàillear air a thoirt leotha, bho'n a bha fhios aig uireid gu robh fhios aige air móran. Agus na falbhadh e còmhla riutha fad an astair, bhiodh pàirt aige fhéin a's a rud a bhiodh ann agus cha bhiodh e an uair sin, cha bhiodh e idir cho cunnartach gu' faodadh e tòiseachadh air innse ma bha coire 'sa ghnothach, rud a bha e fhéin a' gabhail pàirt ann. Agus ó bha e math gu leòr, 's thuirt 'ad ris gu robh briathran ann—dubh-fhaclan ann a fheumadh e 'g ràdhainn—dh'fheumadh 'ad ag ràdhainn agus chaidh 'ad sìos dh'ionnsaidh a' chladaich, b' e an t-astar a bh' ann agus chaidh 'ad a-null gu tom a bh' ann a' sin, do tom luachrach na tom fraoch na gu dé luibh, rud a bh' ann, tom do chraobhan beag' ìosal ach co-dhiù thug 'ad a-mach criathair a's an àite a bha sin. Agus thug 'ad a-mach trì chriathair agus thòisich 'ad air an ceangail le sìoman fraoich. Agus air an leigeadh a-mach gu cuan nuair a chanadh 'ad na briathran seo, 's mar a bha an criathair a' dol a-mach, bha sìoman fraoich 'tighinn far na [tàrlaidh?] air a' robh e, mar gum biodh air a' chladach agus a h-uile bior beag a bh' air a' sìoman fraoich, a h-uile stob aig a bhiodh air, bha sgadan a' dol air agus seo mar a bha 'ad ag iasgach a' sgadain. Agus tha mi cinnteach gu b' e gu dé a thuirt an tàillear nuair a bha 'ad a-mach bìdeag bho 'n chladach gun d' rinn e ùrnaigh na nì air choireigin 's chaidh na criathair fodha ach grunndaich e fhéin gu cladach agus thog e rithe, 's thàinig e ionnsaidh an àite 's thrus e leis na snàthadan agus na h-uile sian a bh' ann. Agus thog e rithe air falbh ach tha e coltach gun d' fhuair càcha eadar a h-uile rud a bh' ann grunachadh gu tìr ach cha d'fhuair 'ad riamh, tha e coltach, greim air an tàillear. Co-dhiù, b' e gu dé dhèanadh 'ad ris na faigheadh 'ad greim air. Agus sin mar a bha an naidheachd a fhuair mise air iasgach leis na criathair. [John Shaw:] Seadh. [BREAK IN TAPE] [JNMN:] Rinn mi fairis orra turas. [JS:] Sheadh. [JNMN:] Cha bhiodh ann ach—ma dh'fhaoidte gum biodh trì na ceithir a' bhliadhnaichean bho 'n a chunna mi an naidheachd sin dhe—naidheachdan beaga mar siud théid 'ad air dìochuimhn' ort cho furasta gu h-àraid, no bi duine 'gan innse agus nuair a thig 'ad ann an cuimhne duine rithist bhon' nach robh i domhain gu leòr nam biodh cuimhn' agaibh mar a bha an duine dha h-innse, bhiodh i na b' fhasa cumail air chuimhne.