GF130i02 AN NIGHEAN A CHUIR ÁS DHA NA ROBAIREAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Chan urrainn dhomh cuimhneachadh le cinnt na tha tighinn 'nam bheachd gu dé mar a bha toiseach na naidheachd a' dol ach gu robh searbhanta ann co-dhiù agus tha e coltach gur h-e gruag fuasach dubh a bh' oirre, air a nighean a bha seo, agus gun robh i gu math dorcha na [creabhach?] a h-aodainn. Agus air t-sàilleibh gum biodh i ag obair mu chuairt aig feadhainn, 's e an t-searbhanta dhugh [dhubh] a bhiodh aca oirre. Agus ge b'e ge dé gu an dòigh a's an d' fhuair i meas a' lùib na mèirlich, na robairean, a bha seo—bha àireamh dhiubh ann—agus bha 'ad a' dol a robeadh àite an duine-uasal a bha seo. Agus bha ise a-staigh agus co-dhiù dh'fhosgail i fhéin an uinneag airson a leigidh a-staigh, ma 's fhìor, agus tha mi smaointinn gur e sin an dòigh air an d' thachair e, gu robh aicese ri uinneag fhosgladh agus 'adsan a leigeadh a-staigh. 'S dhèanadh 'ad fhéin an còrr. Agus bha claidheamh aice 's bha i—a h-uile fear a fhuaireadh a-staigh a cheann, bha i gearradh a chinn dheth, agus bha 'ad a tighinn a-staigh fear ás deòidh fear. Agus mu dheireadh thàinig [feadhainn?] dhiubh a-staigh an comhair a chùil, thionndaidh ris-san a-staigh an comhair a chùil, agus tharraing i an claidheamh, agus gheàrr i—thug i slis 'bha sin dha na màsan aige— agus dh'falbh e. Agus co-dhiù ge b'e ge dé an ùineadh a bha seachad—a chaidh seachad—thàinig duine mór uasal dha 'n taigh a bha seo agus chan eil mi an dùil gur h-e an taigh a's a robh an t-searbhanta dhorcha a' seo ag obair an toiseach, gur ann a bha i an uairsin idir. Ach bha i ag obair ann an taigh eile, duine-uasal, duine-uasal beartach à thaigh-eigin a bh'anns an àite. Agus tha e coltach gun do dh'aithnich i an duine a bha seo agus bha cunntais do bharailltean aige air a charbad 's bha e 'son an cuir a-staigh dha 'n an t-sabhal na dha 'n an taigh a bha 'muigh aca a's am biodh 'ad a' gléidheadh gnothaichean agus bha rud fiachail annta 's bha e 'son an gléidheadh gun a bhith 'muigh fo 'n t-sìde. Bha sinn ma gu leòr agus chaidh e fhéin a-staigh 's neo-ar-thaing nach robh e seanchas. Bha e na dhuine mór uasal. 'S e duine a bha falbh le gnothaichean air choireigin dha reic a bh' ann 's bha e dol gu ceàrn eile dhe 'n dùthaich. Ach, ghabh ise droch bharail air. Shaoil leatha gun do dh'aithnich i e agus chaidh i suas gu failidh dh'ionnsaigh an t-sabhail, na an àite a's a robh na barailtean air an cuir aig an àm. Agus chuala i 'ad. Chuala i bruidhinn, agus air a chaidh i suas na b' fhaisge is chuala i 'ad a cantail "'Bheil thu deiseil? 'Bheil thu deiseil?" agus cha d' leig i dad oirre, ach chaidh i sìos agus lìon i poit mhór do dh'uisge 's chuir i sin an an teine, agus ma dh'fhaoidte gun do chuir i puinnsean ann, cha chuala—chan eil cuimhne agam air a sin 'sa sgeulachd—ach co-dhiù, chaidh i air n-ais leis a' phoit mhór a bha sin. Agus ghoirt i steall dha 'n uisge sin sìos a's a h-uile h-aon dhe 'n na barailtean. Agus thàinig i dhachaigh an uairsin agus chaidh esan suas agus thòisich e air éibheach "Tha mi deiseil, tha mi deiseil." Agus co-dhiù, cha robh duine a' freagairt agus 's ann a bha—tha mi cinnteach gun d' thogadh e às a dheòidh 's b'fheudar dha teicheadh. Ach co-dhiù thàinig e mun chuairt a' sin. Agus bha e ann an taigh agus chaidh e—dh'aithnich e an t-searbhanta dhugh mar a b' àbhaist, dh'aithnich i có a bh' ann. Agus bha e dol a' dhèanamh [sgait/sgead?] a's an taigh sin co-dhiù, ach nuair a rachadh 'ad uile a chadal, rachadh—tha mi cinnteach gu—cuireadh e ás dhuibh. Ach, o, chuireadh an t-searbhanta dhugh—sgeadaich i i fhéin suas gu gasta agus tha mi cinnteach gun d' thug i air cuideigin tòiseachadh air ceòl 's thòisich i fhéin air dannsa 's air dol mun cuairt. Agus turais dhe 'n bha i dol mun cuairt a's an t-seòrsa dannsa a bh' aice—do rìdhle na ge b' e dé a bh' ann—thug sgian bhiorach as a pòca agus chuireadh siud a's a' choigreach a bha 'staigh. Agus thuit e marbh air an ùlar, 's cha robh fios carson a rinneadh seo ach nuair a dh'inns i gun d' dh'aithnich i có bh' ann, agus thug i seachad a h-uile dearbhadh a bh' ann, fhuaireadh na bha dhìth orra de dhearbhadh eadar arm a' bhith air a giùlain agus bha na lotan a bh' air leigheas air, agus sin mar a chaidh cuir às dhe 'n mhèirleach, agus faodar 'bhith cinnteach gun d' fhuair an t-searbhanta dhugh duais nach bu bheag nuair a chaidh an naidheachd mu sgaoil mar a thachair, agus sin na bheil cuimhne agam air dhe 'n naidheachd. Agus mar 'thuirt mi chan eil cuimhne agam air có aig an cuala mi ach tha mi cinnteach gun cuala mi aig dithis i, ré na h-ùine co-dhiù.