GF124i02 IOMRADH AIR SGEULACHD EILE: FEAR ANN AN CRAOBH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Bha mi a' faighinn roinn dhi bho luchd innse sgeulachd, bha mi faighinn pìosan far a' robh 'ad ag—a' bruidhinn air dìreadh na Beinn Ghloine. [John Shaw:] Seadh. [BREAK IN TAPE] [JNMN:] 'S bha mi smaointinn ma dh'fhaoidte gu robh, gu robh diofar sgeulachdan aca air, bloighean dhiubh a chur còmhla agus gun d' thug 'ad a-staigh iomradh air a' Bheinn Ghloine, a bhith dìreadh Beinn Ghloine a' measg na cùisean a bh' ann, agus seo an dòigh a's an do ghabh mi amharas gur e, gur e naidheachd dhe na chuala mi roimhe a bh' ann agus air aobhar sin dh'ionnsaich mi an naidheachd. Ach tha mi an dùil nach e—nach robh i aca mar a—mar seo idir gur e atharrachadh a bh' aca ach ma dh'fhaoidte nach do ghabh 'ad ach bloigh dhi, gun do chuir 'ad air— [JS:] Seadh. [JNMN:] —null bloigh dhe 'n naidheachd. [BREAK IN TAPE] Ó 's ann 'sa Bheurla a' leubh mise a' sgeulachd. [JS:] Sheadh. [BREAK IN TAPE] [JNMN:] Chuala mi sgeulachd ann am pìosan, ann a' sgeulachd air dìreadh na Beinn Ghloine aig fear Iain Dòmhnallach a bhiodh ag innse sgeulachdan ach ma dh'fhaoidte nuair a bhiodh cabhag air nach biodh e ach ag innse bloighean dhe 'n sgeulachd. Ach bha cuid mhór do sgeulachdan aige 'san àm ach tha mi cinnteach nach eil cuimhn' aige idir, idir gu an-diugh nach biodh chuimhn' aig' air facal dhiubh an-diugh. Ach bha sgeulachd aige. Tha cuimhn' agam air sgeulachd a bha e 'g innse mu dheidhinn a' fear a bha gu h-àrd 'sa chraobh-ubhail, craobh na measan, aig fuamhaire is a thàinig a fuamhaire a-mach agus dh'iarr e, thuirt e ris, "tighinn a-nuas a's a' chraoibh agus mar a bheir spéis a th' agam dhen na craobhan, bheirinn thu fhéin agus 'ad fhéin a-nuas 'nam bìdeagan." 'S thuirt a' fear eile ris, "Trì earrannan dhe 'n eagal ort fhéin is aon fhear ormsa." [JS:] An cuala sibh an sgeulachd?