GF122i02 AM FEAR A BHA 'BEACHDACHADH 'SAN FHÀSACH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Nuair a bha mi a' dol dha'n sgoil 'nam bhalach òg, bhitheamaid—bha leabhraichean leughaidh againn agus bha cuid dhe na leabhraichean sin a's a robh naidheachdan beaga taitneach. Tha mi cinnteach a's an àm nach robh móran spéis againne dhiubh idir, ach 's ann nuair a thàinig sinn gu beagan aois 's a bhitheamaid a' beachdnachadh air na pàirt dhe na naidheachdan a bha sin 's ann a thàinig 'ad gu bhith taitneach leinn. Tha beachd agam air a leughadh—sinn a' leughadh naidheachd, gu robh sgeul mu dheòghainn fear a bha—'s e 'falbh a's an fhàsach nuair a thachair a' dithist cheannaichean ris. Agus, "Chaill sibh [comhaltach?]," ars' esan. Fhreagair 'ad gun do chaill. Agus, "Bha," ars' esan, "crùbach—ceum crùbach ann, air a chois dheas, choisich." 'S thuirt 'ad ris gu robh. Agus, "Bha," ars' easan, "dha e dall air an t-shùil chlì." Agus thuirt 'ad gu robh e sin. "Agus," ars' esan, "Chaill e fiacaill á aghaidh a bheòil." Thuirt 'ad gun do chaill. Agus "Bha," ars' esan, "air a luchdachadh sìos le arbhar, no corn mar a bheir 'ad, air an aon taobh dhe'n phaca agus mil air an taobh eile." Is thuirt 'ad ris gu robh. "Ach," ars' esan, fear aca, "gu dé mu dheidhinn na seudan, na seudan a bh' air, a bh' air—'sa luchd?" ars' esan. "Chuid a b' fhiach air a dheth—bu luachmhoire dheth uileadh gu léir. Ach bh' on a chunna tu e," ars' esan, "cho beag de dh'ùine air ais," ars' esan, "'s dòch' gun téid agad air innse dhuinn càit a bheil e agus na seudan mar an ceudna." "Ó," ars' esan, "Chan fhaca mise ur [comhaltach?] idir na seudan ged a tha fios agam air seo mu dheoghainn." Ach ghlac 'ad e agus 's ann a thug 'ad air beulaibh breitheimh airson fhaighinn a-mach gu dé mar a rachadh aige air a bhith 'g innse. Agus nuair a chaidh e a thoirt suas air beulaibh a' bhreitheamh agus a chaidh fhoighneachd dha mar a fac' e ['n comhaltach?] no mar a' fios aige air sian mu dhéidhinn ach mar a bha e cantail dé chuireadh fios aige idir? "Ó," ars' esan, an duine bha seo, "faodaidh duine," ars' esan, "beachdnachadh a [dhìtheadh/dh'fhigheadh/dheanamh?] anns an fhàsach. Agus sin," ars' esan, "mar a fhuair mi, mar a bha fios agam. Bha fios agam," ars' esan, "gu robh e crùbach air a chois dheas. Bha lorg a rinn e air a ghainmhich eu-domhainn seach na lorgan nan casan eile. Agus bha fios a'm," ars' esan, "gu robh e dall air an t-sùil chlì, o chionn bha e criomadh na bh' air an taobh, air a taobh dheas dhe'n bhathar a bha e leantail—dha'n cheum a bha e leantail, agus cha robh e buan dias air an taobh eile. Agus bha fios a'm gu robh fiacaill 'ga dhìth oir a' bheòil aige o chionn bha e fàgail, bha e fàgail rud dhe'n, dhe na bha e criomadh nach robh e buain. Bha e fàgail diasan nach robh e buain. Is bha fios a'm," ars' esan, "gu robh arbhar air aon taobh air sàilleibh na seangan agus, agus nan cuileagan 's gu robh mil air an taobh eile. Bha na seangan ag innse dhomh fear dhiubh agus na cuileagan ag innse na naidheachd air thaobh eile. Agus b' fheudar dhaibh an duine a thoirt, a thoirt cuidhteas an gnothach—ciontach. Cha robh, cha robh dòigh ac' air ciont' fhaighinn ann o chionn bha esan a' falbh air réir na beachdanan. Ach tha mi cinnteach nach robh creutaran ann a dh'innseadh mu na seudan 's a cha robh 'ad a' tuiteam air làr co-dhiù. Agus sin agaibh mar a bha té dhe na naidheachdan a bh' anns an leughar-sgoil' a bha, a bha mi leughadh nuair a bha mi 'nam òganach a' dol dha'n sgoil.