Back to recordings

Dithis Bhràithrean ag Iasgach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF119i01 DITHIS BHRÀITHREAN AG IASGACH


Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil


[Dan Neil MacNeil:] Bha dithis bhràithrean shuas aig na Narrows Mhór ris an canadh 'ad Ruairidh a' Ghobha agus Iain a' Ghobha. Is smaoinich 'ad là aig—an àm a' gheamhraidh a bh' ann—an àm a' gheamhraidh a bh' ann, gu' rachadh 'ad a Bhàigh a' Chaisteil a dh'iasgach air an deigh. Dh'fhalbh 'ad co-dhiù. Bha pìos de dh'astar a' siud co-dhiù, agus ràinig 'ad Bàigh a' Chaisteil shìos. Start 'ad air iasgach is cha d'fhuair 'ad dad de dh'iasg.
Ach nuair a bha 'ad a' tighinn, thuirt 'ad—thuirt Ruairidh ri bhràthair, ors' esan "Carson nach tadhail sinn a's an taigh ann a' seo, an taigh aig Teàrlach, Teàrlach MacFhionghain? Gheibh sinn cupa tì na pìos de bhonnach na do rudeigin." Thadhail 'ad co-dhiù agus bhuail 'ad, bhuail 'ad aig an doraist. Chaidh 'ad a-staigh.
"An da," ors' esan, "Tha sinn riatanach air cupa tì, agus nam biodh pìos do bhonnach agad."
"An da," ars' ise, "Chan eil sgath bonnaich agam deiseil," ors' ise, "Ach théid mi," os' ise, "a-mach dha'n t-sabhail," ors' is', "agus gheibh mi," ors' ise, "cruithneachd, agus cuiridh mi ann am pan 'san oven e agus cruadhaichidh mi e," ors' ise. "Agus ma [ghuidh?]," ors' is', "aig' a' sin, bidh e alright." Fhuair i, fhuair i am pan 's an cruithneachd, 's chuir i 'san oven e is chruadhaich i an cruithneachd suas. Fhuair i an uair sin a' bhrà, an seann-bhrà, an dà chlach.


[John Shaw:] Hm-hmm.


[DNMN:] Chuir i, chuir i 'n cruithneachd ann a' sin nuair a bha e cruidh gu leòr is chuir i mun cuairt a' bhràth is rinn i, rinn i a' flùr air a' sin is rinn i bonnach.


[JS:] Seadh.


[DNMN:] 'S fhuair 'ad cupa tì is bonnach, mun tàinig 'ad dhachaigh. Sin agad a-nist.



Dan Neil MacNeil
Pòn na Maiseadh An Iar | Benacadie West 32 recordings Faic pròifil | view profile