GF117i02 HILL IÙ 'ILLEAN Ó AGUS Ó 'ILLEAN ÉILEADH Beulaiche: Lachlann mac Eardsaidh 'ic Lachlainn Mhóir | Lauchie Gillis Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlann Currie [Séist:] Hill iù 'illean ó agus ó 'illean éileadh, Hill iù 'illean ó agus ó 'illean éileadh, Hill iù 'illean ó agus ó 'illean éileadh, A nighean donn an t-sùgraidh, Mo dhùrachd bhith réidh riut. Tha nighean ann am Mira, 'Gam 
fhoighneachd am bliadhna Chuir i fios 'gam ionnsaigh Bha diomb aice riamh dhiom. Tha crodh laoigh is caoraich, Air raointean 'ga' feurach, Tha fearann aice còmhnard, Tha còrr agus ceud ann.