Back to recordings

Òran le Bean Iain Ruairidh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF116i02 ÒRAN LE BEAN IAIN RUAIRIDH


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Bean Iain Ruairidh | Catherine MacNeil


[John Shaw:] Dé an t-ainm a bh' oirre?


[Joe Allan MacLean:] Bean Iain Ruairidh.


[JS:] Sheadh.


[JAML:] Agus bha 'ad a dh'innse an duine a chumail taigh e. Dh'fhaoidt' 'ad a-muigh fad o dhaoine. Agus bha 'n gnothach a' sin car tough [orra?] 'sa gheamhradh [airson 's gur nach fhaca 'ad fhéin?]. Agus start i latha a bha seo, bha i 'na suidhe a-staigh, bha esan a-muigh a dh'àiteigin, start i a' dèanamh òrain. Rinn—bhiodh i, bhiodh i—rinn i roinn de dh'òrain a bharrachd air bha i cuimseach math cuideachd. Rinn i an t-òran a bha seo. Cha chreid [nach do ghabh/(?) no dà?] An do ghabh mi dhut an t-òran "Ma Phòsas Mi, Ma Phòsas Mi?"


[JS:] Ghabh.


[JAML:] Ó uill sin e, cha ruig leas càil feum a ghabhail leis. [BREAK IN TAPE] A-muigh latha agus bhrist i a làmh. Rinn i òran mór air a' sin.


[JS:] Rinn.


[JAML:] Dé dh'innis e? Cha robh mi 'cur cus do—de dh'interest 'ga h-òrain ann on nach bhiodh deagh òrain math' aice do 'n sin. [BREAK IN TAPE]


Gur mise tha gu truagh dheth,
Ann an toiseach fuachd na dùdlachd,
[Là/uair?] a chaidh mi far an dùirne,
Cha robh dùil agam bhith beò.


Fhuair mi buille làimh 'sa chnàimh mi,
Bha mi 'tuiream 's cha bu nàr dhomh,
Gu faca mi mac mo bhràthar,
'S lughdaich an cràdh air bho m' dhòrn.


Com na h-ighne 's riamh [nan uaislean?],
[Dha?] robh, cha robh [?] bu dual dha,
Thuirt a [chinn oirre?] le gruaim,
["Nise leig gu cruaidh nan deòir"?]


Fhuair mi buille, loisg mi buileach,
Falt mo chinn, gun d'fhalbh e uileadh,
Mar chraoibh a' cur bhuaithe duillich,
'S [gài…?] 'ga h-iomain feadh an fheòir.


'S e fonn a chuir i air:


Bha mi a-raoir gu sunndach, sunndach,
Bha mi a-raoir gu sunndach, sunndach,
Is bha mise gu cridheil sunndach,
Cha b' e leann a rinn mi òl.



Reference sources:
Am Bràighe, vol. 6 no. 2 (1998), p. 2

Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile