GF115i04 A' CHRUINNEAG A DH'FHÀG MI Bàrd: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean [Séist:] Horo a lo thug i-o oro ì, Horo a lo thug i-o oro ì, 'S i ù ra bhinn o thug i-o oro ì, Cha mhór nach coma leam cogadh no sìth. 'S a-nisd bho'n a tha mi 'nam thàmhach 'san ghleann, 'S gun dhuine dha m' chàirdean a' tàmhach leam ann, 'S ann nì mis' an dàn seo a chàradh gun mheang, Do 'n chruinneig a dh'fhàg mi 's an-dràsd' gun thu ann. Mo ghaol air a' ghruagaich 's falt ruadh air a ceann, Gruaidh dhearg mar na ròsan, beul bòidheach gun mheang, Gur milis do phògan 's gach òigear an geall, Nuair chruinn am [broid?] [chòmhla 's/chòmhl' ort?] air bhòrd thu a' danns'. Casan dhìreach gun car ann a dh'fhàsadh gun stuaim, Gun mhearachd, gun phròis ann 's tu an-còmhnaidh mo luaidh, Nuair bheirinnsa còir ort a Dhòmhnach na Luain, Gun dèanainn do phògadh 's gach còir chumainn suas. Ó leanainn, a leanainn, e tàirsinn a' ghleann, Is éisteadh ri m' dhuanaig ged suarach mo cheòl, Tha snighe le m' ghruaidhean is [buachaill/buair?] gu là bhràth, Mur faigh mi dhomh fhìn thu gur cinnteach dhomh 'm bàs. Chan eil lusan na flùr [an dreach ùr?] ann a' fàs, Cho bòidheach ri m' eudail nuair a dh'éireas i tràth, Falt cùrlach ma ghualainn 'na dhualach mu mhàs, Cho mìn ris i an t-sìoda 'sna h-Innsibh a' fàs. Ged bhiodh tu 'nad bhanntraich gur sanntaichinn thu, 'S gun cuirinn ort fàilte bho d' shàiltean gu d' chùl, 'S tu an cumadh na bànrighinn as àille bho'n chrùn, Gun tugainn mo làmh dhut 's e fhathast gun [dàil rinn an iùil/tarraing a-null?].