Back to recordings

Cumha do Ghille a Chaidh a Mharbhadh 'sa Chogadh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF115i02 CUMHA DO GHILLE A CHAIDH A MHARBHADH 'SA CHOGADH


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



'S gur e mis' th' air mo leònadh,
Fhuair mi naidheachd 's bu [leòr?] leam a [meud?],
Mar a dh'éirich dha'n òigear,
Chuir siud saighdean le dòrrain 'nam chridh',
Thàinig smal air mo léirsinn,
Nuair a chuala mi sgeula le cinn',
Ach cha dèan mi 'ga [làibhinn?]
Bidh am mulad 'gam [thiomadh?] leam fhìn.


'S beag an t-iongnadh sin dhomhsa,
Bhith fo mhulad 's am bròn air mo chlaoidh,
Tha mi nisd ann am m' ònrachd,
Mar bha Oisean 's am bròn air a' chlaoidh,
'Cur an aire dha'n bhodhaig,
Aig robh tuigs' agus eòlas air [sgrìobh?],
'S ged is bochd mi 'ga thàilleabh,
'S truagh dha'n té [air an fhaire 'san tìr/a rinn àrach 'san tìr?].


Fhuair i reusan na dhà ann,
Air éislein a' faillinneach [tighinn/tinn?],
'S i gun duin' aice a' làthair,
Dha'n a chunnaic na a dh'àraich i a' chloinn,
'S e seo turas a chràidh dhi,
'S i ri smaoinntinn mar bha thu gun chlì,
Call na faladh 'san àrd [Rìgh?]
'S tu cho fada bho d' chàirdean is bho d' thìr.


Nuair a thoisich am batal,
'S e bhith gluasad air astar ro 'n champ',
'N àm dìreadh nan clachan,
Cha robh smaointinnean gealtach 'nad cheann,
Mun do dhìrich thu fàradh,
Thàinig peilear [o t-snàthaid?] na dheann,
Mun do [bhualaich?] thu 'n àirde,
Chaidh do leigeil gu làr aig a' bhonn.


Tha sinn nisd, gura truagh sinn,
Tha sinn daonnan am bruadal mu d' bhàis,
'S ann is coltach ri uain sinn,
Bhith gun chòta aig fuaradh no am beann,
Nuair thig dìlleachdan truagha
['Ad a' ruinneachan/àireamh iomadh dhaibh ?] bhuaileas 'ad fonn.


Sin e.

Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile