Back to recordings

Gobha nan Soc

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF114i06_115i01 GOBHA NAN SOC


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



Bha siud ann reimhin [roimhe/reimhid] ['ad ann?] an ceàrn air choireigin dha'n a' Ghàidhealtachd thall, tha seansa gur ann thall rathad na seann-dùthchadh, agus bha fear ann ris an canadh 'ad Gobha na' Soc. Agus 's e reusan a thug 'ad Gobha na' Soc air, cha robh gobha goirid idir dha'n àit' far robh e a' fuireach agus cha robh an gobha do thuathanaich ann. Agus nuair a theirig e na soc air a' chrann-treabhaidh a bh' aca na a bhristeadh 'ad e, thigeadh 'ad dha'n gobha a bha seo. Agus dhèanadh e soc ùr air neo chàradh e soc eile. Agus sin a' reusan is an tug 'ad Gobha na' Soc air an duine a bh' ann a' seo. 'S e MacLennan an t-ainm a bh' air.
Ach latha dha na làthaichean, bha an Gobha na' Soc 'na sheasamh 'sa cheàrdaich agus chunnaic e cailleach bheag a' tighinn agus bogs' aic' air a gualainn. Bha e guess gu robh mu cheithir troighean a dh'fhad ann, agus thàinig i staigh 'na cheàrdaich agus dh'fhoighneachd i na ghobha, "Am biodh tusa, a dhuine," ars' ise, "Cho math agus gu leigeadh tu leamsa am bogsa seo fhàgail ann a' seo gu feasgar an ath-oidhch'?"
"Ó gu dearbh. Bidh," ars' esan. "Tha rùm gu leòr a' seo."
"Glé mhath," ars' ise.
"Ach," ars' esan, "Bidh tu fhéin a-bhos feasgar an ath-oidhch'."
"Ó bidh," thuirt ise. "Gu dearra."
Dh'fhalbh i co-dhiù, agus dh'fhàg i am bogsa 'sa cheàrdaich agus thàinig feasgar an ath-oidhch' agus cha do nochd a' chailleach a' dh'iarraidh a' bhogsa. Thàinig madainn an-earar agus cha do nochd a' chailleach a' dh'iarraidh a' bhogsa, agus thàinig trìtheamh latha is cha do nochd i. Dh'fhalbh an gobha agus chuir e fios gu gille òg a bha 'fuireach an taobh shìos dha'n àit' 'sa robh e fhéin a' fuireach agus thuirt e ris a thighinn a-nuas, gu robh gnothach aige ris. Agus bha an gille car bright, tha mi ['tuigsinn/tuigeachainn?] agus thàinig an gille agus dh'fhoighneachd e na gobha, "Gu dé" ars' esan, "an gnothach a th' agad rium?"
Dh'innis e dha gun dàinig a' chailleach a bh' ann a' siud leis a' bhogsa a bha siud is dh'fhàg e—dh'fhàg i ann a' siud e, ars' esan, 's a' làrna-mhàireach airson 's a bha aice ri tighinn 'ga iarraidh agus cha do nochd i fhathast an-diugh—trì latha. "Is tha mi airson am bogsa fhosgladh," [ars' e?], "feuch am faigh sinn a-mach gu dé tha 'na bhroinn."
"An dà," ars' esan, an gille, "Chan e ar gnothach-ne sin idir," ars' esan. "Tha e car cunnartach airson 's gum faodadh explosion a bhith ann nuair a theannas sinn [fhosgladh?], [a mharbhadh?]. Chuireadh crìoch oirnn." Ach thuirt esan, an gille, "Tha duine ionnsaichte an taigh na cùirte shuas ann a' seo," ars' esan, "agus 's fheàrr dhomh a dhol suas agus innse dhaibh agus fear aca thoirt a-nuas. Canaidh sinn ris," ars' esan, "dotair na fear lagh."
"Glé mhath," ars' esan, Gobha na' Soc. "Thalla suas a dh'iarraidh fear aca."
Agus n'ar a ràinig an gille taigh na cùirte co-dhiù, 's e chiad duine a thachair ris, 's e fear lagh. Dh'innis e dha an gnothach.
"Can thusa," ars' esan, a' fear lagh, "ri Gobha na' Soc, gum bi mi shìos," ars' esan, "o chionn leth-uair a dh'ùine."
An ceann spell, thàinig a' fear lagh co-dhiù is chaidh e staigh na cheàrdaich is dh'fhoighneachd e na gobha, "Gu dé," ars' esan, "an gnothach a th' agad rium?" Dh'innis a' gobha dha mun bhogsa is mun chaillich.
"Cha toil leam," ars' esan, an gobha.
"Uill," ars' esan, a' fear lagh, "tha sin gu math cunnartach cuideachd. Chan eil fhios againn dé dh'fhaodadh a bhith 'na bhroinn," ars' esan, "a dh'fhalbhadh 's a chuireadh crìoch oirnn fhìn," ars' esan. "Ach tha sinn—tha mi," ars' esan, "A' dol a' gabhail teansa air. Thig thusa," ars' esan ris an fhear òg, ris a' ghille òg, "thig còmhla riumsa," ars' esan, "agus bheir sinn dheth an cover," ars' esan, "cho, cho socair," ars' esan, "'s a théid againn air," ars' esan. "Chan fhalbh explosion. Cha dèan i explosion gun buille fhaighinn," ars' esan, "s cha toir sinn buille dhà."
Thog 'ad an cover far a' bhogsa co-dhiù is bha bodach beag ann a' sin agus [dh'fhosgail? ] le [?] agus e marbh.
"A, uill, uill," ars' esan, an gobha, "tha mise 'dol a bhith ann an trioblaid a-nisd," ars' esan. "Bidh 'ad a' fàgail orm fhìn gur e mi a mharbh an duin' ud."
"Ó," ars' esan, a' fear lagh, "na gabh cùram. Gabhaidh sin," ars' esan, "càradh alright. Gheobh sinn dotair a-nuas," ars' esan, "agus ann a' seo."
Chaidh 'ad a dh'iarraidh an dotair agus thàinig e agus dh'examine an dotair agus dh'fhoighneachd dha, an gobha "Dé," ars' esan, "an ùine on a thàinig am bogsa seo a-staigh na ceàrdaich?"
"Trì latha an-diugh," ars' esan, an gobha.
"Tha an duine seo marbh," ars' esan, "bho chionn—o chionn ochd latha."
"Ó tha mi glé thoilichte," ars' esan, an gobha, ars' esan "Cha ruig 'ad ormsa."
"Ó," ars' esan, "ma chanas 'ad guth," ars' esan, an dotair, "Cuir thusa fios thugam-s' is deal-aidh mise riuth'."
Ach co-dhiù, "tha dhìth orm," ars' esan, an gobha, "am bogsa a thogail air falbh ás a' seo [agus?] caitheamh a dh'àiteachan. Caitheamh a dh'àitichean e," ars' esan.
"Uill," ars' esan, a' fear lagh, "'s ann 'sa yard timcheall air taigh na cùirte" ars' esan, "a tha seo," ars' e, "'s air a thiodhlaich e nach [bidh/b'e?] fhios againn có 'ad."
Thog 'ad leo am bogsa agus thiodhlaic 'ad e 'sa yard a bha timcheall air taigh na cùirte, agus agus an ceann seachdain nochd a' chailleach a-staigh 'na cheàrdaich agus i coimhead gu math crosda.
"Càit," ars' ise, "a bheil am bogsa," ars' ise, "a dh'fhàg mis' ann a' seo?"
"Ó," ars' esan, an gobha, "[thabhainn?] bu chòir do dh'thusa a bhith air a thìodhlacadh," agus ars' esan, "a's a' yard, ann a thaigh na cùirte thall a' seo."
Agus, "Uill," ars' ise, "mura bheil thu 'cur a' choire agam fhìn," ars' ise ris, "leiginn faicinn dhuibh dé dhèanainn, ach cha tàna mis," ars' ise, "ann an àm a gheobh [?] agus 's e sin tha dol 'gad shàbhaladh."
Ach coma co-dhiù, choisich i a-mach agus sheas i air cnoc àrd a bha an taobh thall na ceàrdaich agus chuala 'ad tàirneanach nach cual' e riamh a' leithid agus ghabh e eagal gu robh a' cheàrdach a' dol a [dhòirteadh air a' mhuin?]. Chrathaich a' cheàrdach o cheann gu ceann agus ghabh 'ad eagal mór anns an taigh na cùirte, theab an taigh sin tuiteam cuideachd leis a' fuaim a rinn an tàirneanach.
Thàinig i staigh 'na cheàrdaich, "Cha suarach siud dheth," ars' ise, "ach na théid agam air a dhèanamh."
"[Gu] dearbha," ars' esan, an gobha [?] "nach eil i siud fhéin gu leòr?"
Ghabh i a-null gu—na robh taigh na cùirt' agus rinn i [riuth' choisinn?] gu robh e dhìth oirre ge b' e cà' 'n do chuir 'ad am bogsa aice is bha 'ad 'ga thogail is bha 'ad 'ga thoirt dhi. Thog 'ad am bogsa co-dhiù ás an àite a's an do chuir 'ad e 's chaith i air a muin e.
"Tha mise 'falbh," ars' ise, "is chan fhaic sibh tuilleadh mi."
Bha 'ad 'ga watch-adh is ràinig i shìos an cladach agus bha triùir do dhaoine gu math mór foghainneach ann a' sin agus phut 'ad am bogsa mach air an uist' [uisge] agus shuidh a' chailleach air a' bhogs' agus shuidh an triùir dhaoine còmhla rithe agus sheòl 'ad a-nunn gu taobh eile na léigeadh. Bha steamer mhór ann a' sin agus chuir 'ad air bòrd am bogsa ann a [sineach?], agus dh'fhalbh 'ad. Agus cha robh fios cà' 'n deach 'ad—an deach 'ad ach gun d' fhuair 'ad fios a-rithist nuair a land i.
Land i thall ann an àite ris an canadh 'ad, baile ris an canadh 'ad Druim Fionn, ge b' e gu dé an t-ainm Beurla air, chan eil fhios agam. Agus co-dhiù, gu dé a bh' ac' air start-adh ann an Druim Fionn ach cogadh. Start 'ad ri fhaighinn deiseil a's a' mhadainn, [deiseil?] airson start-adh, airson am baile a sgrios uile gu léir. Chuala a' chailleach seo co-dhiù agus thuirt i, "Ma bheir sibh cead dhomhs'," ars' ise, "cha mhair an cogadh," ars' ise "ceithir [uair/duine?] fichead."
Ó 's e àsan a dhèanadh sin, gu dearbh fhéin. Start a' chailleach 's a' fear, no na daoine, dha na saighdearan a bha 'nan aghaidh a' bhaile. Chìtheadh 'ad 'ad a' falbh suas dha'n àite a' siud 's a' seo 'nam pìosan. Ghlan i a-mach co-dhiù a' bhaile agus thuirt i a-nisd, thuirt e, [Trì/tric? a bha?] a's a' bhaile "Tha sinn a-nisd cho dona 's a bha sinn riamh."
"Gu dé" ars' ise, "a tha ceàrr?"
"Tha am baile air a shalachadh 's chan urrainn dhuinne a ghlanadh."
"Glanaidh mis' e," ars' ise.
Cha robh ach, start i is 'glanadh a' bhaile is chìtheadh i na cuirp a' falbh a-mach dha'n léig gus an do dh'fhalbh a' fear mu dheireadh dhiubh a-mach air an uiste.
"Tha mis' a-nisd a' falbh," ars' ise, "is chan eil duine air an t-saoghail a chluinneas cà' 'eil mi 'dol" ars' ise, "agus mi fhìn 's an triùir dhaoine tha seo," ars' ise, "gus beannachd leibh," ars' ise, "is chan fhaic mi tuilleadh sibh."


Notes (fieldnotes):
Source: Bean Ailein mac Dhòmhnaill 'ic Dhòmhnaill (Mrs. MacNeil), Christmas Island, Nova Scotia.

Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile