Back to recordings

Raghnall Mór

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF110i03 RAGHNALL MÒR


Beulaiche: Sandaidh Uilleim Illeasbuig Ailein mac Iain a' Mhuilleir | Sandy William MacDonald
Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin



[Sandy William MacDonald:] Bha fear ris an abradh iad Raghnall Mór MacEach—he was a MacEachern.


[John Shaw:] Sheadh. Bha.


[SWMD:] He, he was—'s e duine bu treasa bh' ann ann an Albainn an uair sin—from Scotland.


[JS:] 'S e.


[SWMD:] Raghnall Mór. Theag nach robh e—bha e suas ri ochd troighean a dh'àirde.


[JS:] Bha.


[SWMD:] Thomhaiseadh e ceithir cheud punnd.


[JS:] Sheadh.


[SWMD:] Bha uamhasach mór. Bha e foghainneach cuideachd. Bha e uamhasach foghainneach.


[JS:] Bha.


[SWMD:] Cha robh duine 'sa Scotland cho foghainneach ris. Agus tha mi dol a dh'innse seo dhut an toiseach. Bha—n'ar, n'ar dh'eug e 's bha na cnàimhean aige bha 'ad anns an eaglais ann an—'gan cumail ann an Eige.


[JS:] Bha.


[SWMD:] Ann an Scotland. Agus an diabhal, mur do ghoid na h-Englishmens na cnàimhean aige.


[JS:] Hm-hmm.


[SWMD:] Chuala mi am faid' a bh' anns—a bh' eadar a ghlùin agus a hip seo bha e uamhasach mór.


[JS:] Bha.


[SWMD:] Agus a chuid [?]. Bha 'ad aca, na cnàimhean aige, ann am museum mòr ann an Scotland—a' dèanamh airgiod orra.


[JS:] Sheadh.


[SWMD:] Agus by God, bha seo a' losgadh na Scotsmens, rud a rinn na h-Englishmens air Scotland, a' falbh leis na cnàimhean aige. Agus thug iad roinn bhliadhnaichean—'s e seo an fhìrinn—there's no lies in this. Bha 'ad fada bhliadhnaichean a' scheme-adh de 'n dòigh a bha 'ad a' dol a dhèanadh air na cnàimhean a ghoid air n-ais.


[JS:] Hm-hmm.


[SWMD:] Is rinn iad plan. Chan urrainn dhomh innse dhut am plan a rinn iad, ach am by God rinn iad plan well. And they went over there and they stole the bones and they're back in the same place the next day. [...?] sitting


[Unidentified Speaker:] [...Piper Niall?].


[SWMD:] [...?] sitting down there. [BREAK IN TAPE] I was going to tell you a little story too about him before he died.


[JS:] Hm-hmm.


[SWMD:] So anyhow. There was a man there in Scotland and he sold himself to the devil too.


[Unidentified Speaker:] [?] in Gaelic.


[SWMD:] Reic e e fhèin ris an deamhan.


[JS:] Reic.


[SWMD:] Bha agus, uill dh'òrdaich e Raghnall Mór agus fear eile—cha chreid mi nach e Somhairle bh' air an fhear eile.


[JS:] Sheadh.


[SWMD:] Bha e uamhasach foghainneach cuideachd.


[JS:] Bha.


[SWMD:] Dh'òrdaich e 'n dithis dhiubh a-staigh air an taigh-air' aige an oidhche bhiodh e marbh. Bha fhios aige gun robh 'n deamhan a' dol a thighinn 'ga iarraidh. Uill, alright. [BREAK IN TAPE] Dh'eug an duine cò-dhiù agus bha Raghnall Mór a-staigh 's bha Somhairle a-staigh cuideachd. By God, bha 'ad a' suidhe is chual' 'ad fead. By God, chunnaic 'ad an corp a' move-adh air an eislinn. They used to switch them out. I remember that myself. They used to switch them out on boards, you know. Before they put them in the casket.


[JS:] Na [h-eisleann?].


[SWMD:] Na [h-eisleann?].


[JS:] Sheadh.


[SWMD:] Uill o chionn tacain beag [whistles]. Another whistle. A' coimhead an [?] mar sin e. And Somhairle went over and he grabbed the corp and tried to put him down.


[Unidentified Speaker:] [...?] you talk English.


[SWMD:] Yeah. Chaidh Somhairle a-nuas. Rug e air [...?] agus dhrive e sìos e air a' charbad a rithist.


[JS:] Sheadh.


[SWMD:] Uill, alright. A Dhia cha robh [?] tuilleadh [whistles]. [Chuala?] fead eile. Bha 'n deamhan 'na suidhe. Dh'èirich Raghnall Mór 's chaidh e [gu math?]. Thuirt e ris, "Ged [thu?] a chunnaic geamhradh mu dheireadh," an uair sin ars' esan, "Chan [?] sibh a-nochd." [BREAK IN TAPE]
"Uill 's math mas dhrive thu sìos air a' charbad a rithist. Fuiridh tu sin an nochd," thuirt e.
Uill, bha h-uile sian air socair an uair sin. Uill, bhruidhinn e a' sin, Raghnall Mór ris an deamhan "Cà 'n robh thu dar a rinn thu chiad whistle?"
"Bha mi," ars esan "A' fàgail ifhrinn."
"Cà 'n robh thu air an ath-whistle a rinn thu?"
"Bha mi mach á ifhreann."
"Agus càit 'n robh thu air an triùir whistle?"
"Bha mi dìreach a' tighinn a-staigh air an doras ann a' seo."
"Uill, faodaidh tu dhol a-mach—chan eil thu dol a dh'fhaighinn duine a' seo a-nochd!" [...?]


[Unidentified Speaker:] And of that—[BREAK IN TAPE]


[SWMD:] Uill, an uair sin, bha gille aig Raghnall Mór—aig Raghnall Mór mar a thuirt mi—MacEachern. Bha 'n gille cheart cho foghainneach ris fhèin—bha e mór cuideachd, làidir. And by God, fhuair e an t-each aige—Raghnall Mór—fhuair e 'm bàs a's an t-sabhal.


[Unidentified Speaker:] Fhuair sinn suas.


[SWMD:] Alright, thuirt Raghnall Mór ri mhac, "Uill,"ars esan, "Feumaidh sinn dhol a-mach agus an t-each a tharraing a-mach as an t-sabhal," thuirt esan, "Agus a thìodhlaiceadh."
"Feumaidh," thuirt an gille.
Uill, thuirt Raghnall Mór ri mhac, "Tha mise dol a dh'fhuireach a-staigh is push-aidh mi a-mach an t-each mas urrainn dhomh agus tarraingidh tusa mach an t-each."
Uill, bha, "Sin alright," thuirt an gille. Bha 'n gille mach a 'tarraing air an each is bha Raghnall Mór a-staigh a' cumail an eich a-staigh. Agus cha leigeadh ás […fhichead?].
Thug e 'n èigh ris a' ghille, "Tarraing a-mach," ars esan, "An t-each," thuirt esan. Thug an gille spìonadh air an each is rinn e dà leth dhen each. Bha nis leth a-mach agus leth aig Raghnall Mór a-staigh. An creid thu sin? Sin agad. Sin far robh daoine foghainneach.


[JS:] Seadh. Sin e.


[SWMD:] [Nach dèan sin Raghnall Mór dhut?]


[JS:] Seadh.


[SWMD:] Nach dèan?


[JS:] Ó nì.



Sandy William MacDonald
Gleann Comhann | Glencoe 17 recordings Faic pròifil | view profile