GF109i12_110i01 BOBAN SAOR 'SAN FHRAING Beulaiche: Sandaidh Uilleim Illeasbuig Ailein mac Iain a' Mhuilleir | Sandy William MacDonald …gum faigheadh e bean a bhiodh bright. Agus chuir e air falbh a dh'iarraidh bean. 'S bha e 'dol gu taigh 's gu taigh, agus an rud a bh' aige ri dèanamh, bha—thug e leis molt [cuideachd?]. Agus bha am molt aige ri reic agus bha molt aige ri thoirt dhachaigh. Uill alright. Fhad 's bha e, 's cha robh duine tuigsinn gu dé bha e mìneachadh idir. Ach ràinig e an taigh seo, 's bha nighean òg ann. Thuirt e gu' robh e a' reic a' mhuilt agus gu' robh molt bhuaithe ri thoirt dhachaigh. "Alright," thuirt ise. Chaidh i a-staigh is thug i mach siosar caorach. Rùisg i molt agus chùm i a' chlòimh i agus thug e dhachaigh a mholt. Agus dh'innis e—cheannaich i clòimh [a thoirt/of course?] bhuaithe co-dhiù. Dh'innis e dha'n [athair?], "An té a chuir—an té a rinn, a thuig a' rud a bha e 'mìnigeadh. "Uill, ruig thusa air n-ais agus foighneachd dhi sin am pòs i thu. Agus ma pòsas i thu, pòsaidh agus [gluaisidh?] sibh a-staigh ann a' seo còmhla rinne." Alright. Chaidh e air n-ais 's rinn e deal ris an nighean seo, 's thuirt i gum pòsadh, gum pòsadh i e alright. Is thàinig i dhachaigh còmhla riutha. Uill alright. Bha 'ad a' faighinn air adhart alright. Uill fhuair iad an sin contract bho'n rìgh air a' chaisteal mhór a bha seo, fhix-eadh. Rinn 'ad deiseil, an gille, esan, agus Goban [Boban] Saor, 's bha 'ad a' falbh. Phack 'ad suas an cuid aodaich 's bha 'ad a' falbh dh'ionnsaidh a' rìgh ag obair. Uill, thuirt a' bhean òg ris an duine aice fhéin, ris a' ghille, "Gabhaidh thu a-nist," ars' ise, "Bean far am faod, biadh far am faigh, agus bean far am faod." Alright. Ràinig 'ad caisteal a' rìgh. Bha nighean bhrèagha aig a' rìgh cuideachd. Is by God, thòisich nighean a' rìgh a' deanamh suas ris a' ghille. Agus bha 'ad a' fàs cuimseach thick. Agus bha an caisteal mór a' dol suas cuideachd. 'S bha ise an deoghaidh a chluinneil bho'n rìgh gun robh e dol 'gam marbhadh. Cha robh e dol a phàigheadh na bha seo, fhios a'd, bha e dol a chosg uamhas de dh'airgead dha o [phàighinn?] a bha seo dhaibh airson a bhith 'g obair air a' chaisteal mhór a bha seo. Agus thuirt i riuth' gum, "Feumaidh sibhs' a bhith air lookout. Chuala mise bruidhinn gu' robh 'ad dol 'gur marbhadh. Cha robh e 'dol 'gur pàigheadh idir. Is feumaidh sibh feuchainn ri faighinn cuidhteas an dòigh-eigin." Is bha e duilich 'faighinn cuidhteas, bha guards aige a-mach mu chuairt, fhios a'd. Uill, [dh'éiricheadh?] Boban Saor beul na h-oidhcheadh, 's e a' rud as [sgliasail?] air a' building. 'S thug e leis an gille còmhla ris. Bhuail e loidhne a-nuas air an roof agus sin chuir e cnac anns a' roof, by the way. Dar a dh'éirich 'ad 'sa mhadainn, bha cnac anns a' roof. Agus fhuaras a' rìgh. Uill, [feum?] air a' rìgh. "Uill, tha mi faicinn gu bheil cnac uamhasach a' tighinn an roof." Thug a' rìgh sùil suas. "Tha," ars' e, "tha mi faicinn sin cuideachd," ars' esan. "Dé thachair [na?] bha ann?" "Bha an roof beagan—na rafters a bh' air an roof, cha robh 'ad trom gu leòr, làidir gu leòr, agus cnac a' roof. Bha e tuillidh is dona." "Uill dé tha thu dol a dhèanadh ris a' sin?" thuirt a' rìgh. "Uill, an aon rud as urrainn dhomhsa dhèanadh, tha tool agam," ars' esan, "Aig an taigh—tools—agus nam biodh 'ad agam a' seo," thuirt e sin, "Dh'fhix-inn siud," thuirt esan, "alright. Ach chan eil na tools agam a' seo." Uill, thuirt esan, "Cuiridh mi 'n gille dhachaigh," ars' esan, "dha'n àite agad," ars' esan, "a dh'iarraidh nan tools sin." Uill, alright. Agus fhuair e, an rìgh, fhuair e an gille airson—ready airson falbh a dh'iarraidh nan tools a bha seo. Uill, thuirt a' fear òg ris a' rìgh, "[Bruidhinnidh?] an gille ris a' bhean òg—[bhruidhinn?] an gille ris a' bhean òg, agus [abraidh/abair i/ e?] ris a' bhean òg an tool mór a chumail agus an tool beag a thoirt dha'n fhear—thoirt dha airson a thoirt air n-ais." Bha seo a' mìneachadh mac a' rìgh a chumail. Tuig i right away dé bha ceàrr. Agus dh'fhalbh i agus fhuair i am policeman. 'S chuir i mac a' rìgh anns a' phrìosan. "Bidh thusa a' sin," thuirt ise, "gus a' faigh mise mo chuid dhaoine dhachaigh." Agus chaidh policeman dh'ionnsaigh a' righ, gu' robh mac—a mhac anns a' phrìosan agus, "feumaidh tu Boban Saor agus a mhac a leigeil dhachaigh agus am pàigheadh cuideachd, no chan fhaigh thu—chan fhaigh thu do mhac dhachaigh gu bràth mur a dean thu sin." An diabhal, mura b' fheudar dha'n rìgh tionndadh mu chuairt agus am pàigheadh, right off of the bat, mur an d' fhuair e an gille dhachaigh. [BREAK IN TAPE] Dh'fhàg mis' a' sin e, Goban Saor.