GF109i11 BOBAN SAOR AG OBAIR ANN AN CLAIS Beulaiche: Sandaidh Uilleim Illeasbuig Ailein mac Iain a' Mhuilleir | Sandy William MacDonald [Sany William MacDonald:] —anns a' chlais, fhios agad, a' buain a' chruinnich. Agus cha robh— [John Shaw:] Bha. [SWM:] —cha robh móran bathar anns a' chlais, cha robh ann ach bathar beag ìseal. [JS:] Cha robh. [SWM:] 'S bha growler [ann?], growler aig Boban Saor nach robh làimh fhéin 's [fair deal?] idir a' buain. Uill bha e 'ga chumail anns a' chlais fad na h-ùineadh. [JS:] Bha. [SWM:] Uill, thuirt Boban Saor ris a' sin, "Chan eil ach," thuirt esan, "ach tha mi a-null 's a-nall ann an grunnd na chlais, 's am beagan a th' ann, tha e gann thoirt ás. Sin as urrainn dhomhsa dhèanamh riuts'." [BREAK IN TAPE] That's all I heard about it.