GF109i08 DUAN CALLUINN Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin Tar-Sgrìobhadh: Bun is Bàrr, An Drochaid Eadarainn (Baile nan Gàidheal | Highland Village) Tha seo duan anns an t-seann—gu b' dé dh'abradh sibh ris—Oidhche Chullain Challain Chruaidh. Thigeadh iad mun cuairt dhe 'n taigh, ' s dh'fheumadh iad an dorust a ghlasadh gus an gabhadh cuideigin duan 's gheobhadh iad astaigh an uair sin. Theagamh gu faigheadh a h-uile gin dhiubh astaigh airson aon duine. Ach co dhiubh tha aon fhear a' seo: Oidhche Chullainn Challain Chruaidh, Thànaig mise le m' dhuan 'ga reic, Chan eil gaol agam air ìm, 'S chan eil gràidh agam air càis, Ach a'rud a tha am bonn a' bhuideil, Tha mo shlugan air a thì.