Dòmhnull Mór, Mac na Banndraich
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF107i04_108i01 DÒMHNULL MÓR, MAC NA BANNDRAICH
Beulaiche: Peigi bean Sheumais Alasdair Pheadail | Peggy Smith
[Peggy Smith:] A Dhia, chan eil cuimhn' agam, chan eil cuimhn'—. [BREAK IN TAPE] Bha, bha e fhéin 's a nighean feuchainn ri pòsadh. Bha—chan fhaigheadh 'ad pòsadh. [BREAK IN TAPE]
Dar a chunnaic 'ad nach robh 'dol bhith ac' ach an aon ghille, chuir 'ad dìreach dha 'n a h-uile h-àite bu tough e na chéile a dh'ionnsachadh, fhios agad, na h-uile sian, dòigh 's nach bi sian aig duine ach aige fhéin e.
[John Shaw:] Sheadh.
[PS:] Bhiodh—gum biodh 'ad ullamh a' sin. Ach mun do dh'eug e, rinn athair a thiomnadh, 's ann leis a bha 'n gleann. 'S thug e 'n gleann dha 'n ghille, dha mhac. Agus a mhàthair, bha i uabhasach uile breàgha. Ach, bha 'ad a-staigh, bhitheadh 'ad a-staigh, is bhiodh naidheachdan aige dhi a' tighinn, 's bha 'ad a' faighinn air n-adhart uabhasach uile math, i fhéin is Dòmhnall.
Dh'eug a' Rìgh 's bha, cha robh ann ach e fhéin—'s i fhéin is Dòmhnall. Is thiomain a' Rìgh na h-uile sian an t-saoghail do—dha 'n aona mhac a bh' aige. Ach bha e cho math gu pìobaireachd 's nach cuala daoine riamh a leithid. Bha athair math, ach 's e esan a' seans' a b' fheàrr. Bhiodh 'ad 'ga éisteachd thall. Chluinneadh 'ad a' phìob an àite sam bith gur e: "'S i Dòmhnall Mór Mac na Banntraich, 's e tha pìobaireachd a' siud."
Agus uill, bha sin—bhiodh 'ad 'ga mholadh, fhios agad. 'S dar a rachadh, thigeadh ceòl far am bidh. Dùil aca time mór a dhèanadh, rachadh fios a chur gu Dòmhnall Mór Mac na Banntraich. Thigeadh Dòmhnall Mór Mac na Banntraich agus am [baggage?] aige is a' phìob, pìobaireachd.
Uill, bha sin alright. Bha 'ad, bha 'ad ag obair mar sin. Bha 'ad a' faighinn air n-adhart uabhasach uile math. Bha is' uabhasach uile breàgha. Ach bha e 'cur iongantas oirre cho coltach 's a bha an taigh a's a' robh 'ad ris an taigh a bh' aca fhéin uair gu' robh saoghal, fhios agad. Dar a bha an duine aice fhéin beò, 's rudan mar sin, bhiodh i 'cuimhneachadh 's bhiodh i 'suidhe 's bhiodh a h-aghaidh an sin is bhiodh a h-aghaidh a' seo 'coimhead air na h-uile sian. Ach bha i 'na suidhe là a-staigh. Bha i 'n deaghaidh fhéin a dhreasadh a-mach, 's bha i eireachdail. Thug i sùil ann an—sìos air a' rathad mar siud, ach bhiodh i 'coimhead oirre. Chunnaic i soithich, mar gum biodh soithichean agus curtain air a dhraghadh a-nuas air an uachdar. Thuirt i rithe fhéin, "Tha siud coltach ri rud a bh' agam fhín uair gu' robh saoghal."
Ach dh'fhalbh i 'n ceann treiseadh, 's bha—dh'éirich i, 's chaidh i sìos, is rinn i mar siud air na curtains, airson na' soithichean fhaicinn. Chìtheadh tu rud a bha is' 'fhaicinn. 'S ruig dà làimh air a chasan, oirre. Tha mi cinnteach gun do ghabh mi clisg!
[John Shaw:] Ghabh. Ghabhas.
[PS:] Greum cruaidh aig' air chasan oirre, ó Dhia, Dhia. "Leig ás mi," thuirt is'. "Bheir mi dhut airgead gu leòr 's cha ruig thu leas obair a dhèanamh, agus rest thu fhéin."
"Feumaidh tu ghealltainn dhomhsa gun cuir thu ás dha d'—dha d' mhac. Agus gun toir thu mise leat."
"Uill, uill, chan eil agams' ach an aon mhac," thuirt ise. "Tha e glé dhuilich dhomh sian a dhèanadh air, fhios agad," 'S chuir e i sìos. "Dh’eug a' Rìgh," thuirt ise, "Is dh'fhàg e na h-uile sian aig a' ghille, is Dòmhnall a th' air," thuirt is'.
"Aye, siud an t-ainm a th' ac' ormsa," thuirt Dòmhnall Mór Mac na Banntraich. "Shin an t-ainm a th' aca ormsa."
"Ó tha fhios a'm," thuirt esan, "Air a h-uile sian." Greum cruaidh, thug i suas. Cha duine sin ach [mac an Deamhain?] leithid greim aige air dhà chois oirre. "Tha fhios a'm."
"Oh, 's fheàrr dhut mo leigeil ás," thuirt is'.
"Ó bidh e tràth gu leòr," thuirt esan. "An gabh thu mi fhín? Ach cha leig thu leas an gille a mharbhadh idir."
"Uill, 's ann leis a tha an gleann," thuirt is'. "Thug a' Rìgh dha e. 'S ann leis a tha 'n gleann."
"Ó tha fhios a'm," thuirt esan, "Tha fhios a'm taghta. Ach tha rudeigin agad," thuirt esan, "Airson thu fhéin a shàbhaladh. Tha fhios—tha toil agam sin fhaighinn."
"Ó chan eil sian agams'," thuirt is', "Tha na h-uile sian aig Dòmhnall Mór."
"Ó tha," thuirt esan, "Ach aon rud, 's tha toil agam fhaighinn." Uill, siud am fear aig an robh an léine, 's an ceip, 's na brògan, 's a h-uile rud ri sin a bh' aige. Agus dh'fhaighneachd e airson seo.
"Ó," thuirt ise, "Ach shuid agad 'ad," thuirt ise, "Thall ann a' siud. Thig a-null 's bheir leat an léine 'sa mhionaid." Chuir e dheth a' chòt', a' fear a thàinig a-staigh, agus chuir e [air i?].
"A Dhia, tha tighinn a-nist" thuirt esan, "Ged a thigeadh mìle duine a-staigh 's ged a bhitheadh e 'na aon duine cho mór sin, nì thu 'n gnothach air. Cha bhith duine air an t-saoghal cho làidir riut."
'S ó, chuir e sìos sin ach, dh'fhaighneachd e dha mhàthair, "Dé tha mi 'dol a dheànadh? Dé an rud sam bith ach thu fhéin a gheàrdadh," thuirt esan.
"Cha leig. Gabh—tha bean dhomhsa. Chan eil agams' ach thu fhéin," thuirt is'.
"Tha fhios. Tha sinn a' faighinn air n-adhart taghta ann a' seo, na dithist againn."
"Uill, bha sin—bidh e nas fheàrr."
Dh'éirich e 'null 's choimhead e. Bha a léine-sa [special?] tha rudeigin—dé an t-ainm a bh' ac' air? Duine sam bith a chosg seo nach robh sian air an t-saoghal a ghabhadh air, na' dhèanadh sian air. Ach cha robh i 'comas air 'n uair sin. "Tha fhios," dh'inns' e, "Uill, feumaidh tu 'fuireach." Bha still 's greim aige air a chasan oirre, mar gum bitheadh e 'na—anns an [t-seilich?] no rudeigin, 's ann 'na sheasamh an siud dar a ruig e air a chasan. Tha fhios. Bha i uabhasach brèagha. Uabhasach uile brèagha is bha i laghach. Cha robh ann ach e fhéin 's a mhàthair. Fhios a'm bha a' Rìgh marbh.
Uill, bha 'ad a' bruidhinn cò is dé. "Feumaidh tu ghealltainn dhomhsa," thuirt esan, "Ma leig mi ás thu, gu' faod mi 'fuireach còmhl' riut is gum pòs mi fhín is tu fhèin." Ó dar a chual' ise seo, cha bu toigh leatha sin idir, ach cha robh cridhe aice dhiùltadh. Dh'fheumadh e—dh'fheumadh i a' rud a dh'iarradh ise dhèanamh, i 'n deaghaidh seo fhaighinn 's a chuir oirre, cha robh eagal oirre. Ó bha i, God.
Thòisich a' phìobaireachd is cha cualas a leithid do phìobaireachd riamh, de cheòl cho breàgha 's a bha siud. "Ó is tusa," thuirt a' fear sin, "Dòmhnall Mór Mac na Banntraich."
"Uill, 's e Mac na Banntraich a chùm 'ad orm dar a chaidh m' athair a mharbhadh," thuirt esan. "Bha mo mhàthair na banntraich an uair sin.
"Bha."
'S i bha coimhead is i coltach ris—i coltachadh an àit' a bh' aice fhéin an toiseach. Ó Dhia nan Aingeal, bha i, bha i uabhasach. Dar a chunnaic i na' soithichean, 's mar gum biodh curtain fhios agad a-nuas [air?], dh'éirich i sìos a choimhead. [Dhraw?] i null na curtains le—bha i 'g ionnsachadh, ach cha robh 'ad 'ga fhaicinn, bha dubhar air choireigin aig' a chuireadh e air, ach bha 'ad ag éisteachd ris.
[JS:] Bha.
[PS:] Ach ó bha na h-uile sian ann a chluinneadh 'ad ach—ó bha 'n t-àit' a bh' aicese, bha e cho eireachdail.
[JS:] Bha.
[PS:] Bha e cho eireachdail. Agus có bha seo ach a' robair mór, 's e, 's e a ruig air chasan oirre.
[JS:] Seadh.
[PS:] Tha mi cinnteach gun do ghabh i beagan de dh'eagal.
[JS:] Ghabh. [BREAK IN TAPE]
[PS:] Uill, gu' feumadh e—esan, esan a phòsadh, tha fhios, am mac. Chuir e cur ás dha 'n athair e fhéin e.
"Ó chan urrainn dhomhsa sin a dhèanamh," thuirt esan—thuirt ise. "Chan eil agam ach an aon mhac, fhios agad. Dh'eug athair 's chan eil ann ach mi fhín 's e fhéin. Chan fhaca mise sian ach gioban de rud a chunna mi an crochadh ann a' siud."
Thuirt esan, "Tha mi a' coimhead air agus dh'fheuch mi orm is ó cha robh pioc aige oirre. Abair is' a' tighinn a-nuas a-nist," thuirt esan.
Dh'fhalbh ise, is sheas i rud air choireigin, is bha i 'coimhead suas, cho breàgha 's a bha na' soithichean. "Seo an t-àite a bh' agam fhín an toiseach," thuirt is'. "Mi fhín is Dòmhnall," thuirt ise.
Agus am bruidhinn a bh' aca, cha bhruidhinn e a' chùis. Chaidh spìon a thoirt oirre [BREAK IN TAPE] "—dhe na gleann," thuirt Dòmhnall Mór. Chuir e air a phìob e.
[JS:] An do chuir?
[PS:] Chuir. Cha chuala 'ad riamh, riamh a leithid de phìobaireachd. Sin am port leam fhìn. Tha cuimhn' agam ás a' fear a bhith a' cur a' phuirt air an fhìdhill 's air a' phìob. Bha an ceòl uabhasach shuas far a' robh sinn. Agus 's e fìdhlear a bha 'san duine agam. Chuireadh e air sin i.
[JS:] Chuireadh.
[PS:] 'S ann leam fhín an gleann, 's ann leam fhín an gleann—bha na h-uile duine a bh' ann feuchainn ris a' ghleann fhaighinn.
[JS:] Bha.
[PS:] Bha a h-uile duine a bh' ann, gum bitheadh e aig m' athair. Agus cha tigeadh 'ad far am biodh Dòmhnall Mór idir, ach bha toil aca fhaighinn co-dhiù. Ó bha 'ad ag obair le cion-tùir mar sin. Ach sin—feuch a bheil cuimhn' agad air dé facal—bhitheadh mo mhàthair uabhasach uile brèagha. Neo-ar-thaing a bhith spry 's coltas beairteach oirre, co-dhiù. Creid— [BREAK IN TAPE] —sin na bheil a chun a-staigh suid dar a rachadh tòiseachadh air a' sin a bhruidhinn. Bha gu leòr gum bitheadh gu leòr aig Dòmhnall Mór Mac na Banntraich mura bitheadh e 'staigh idir.
Thàinig 'ad a' sin. Bha 'ad a' dol a dhèanamh bìdhe, suipear no rudeigin. Bha ise—bha i cho spry 's bha i cho eireachdail 's bha—cha robh aice ach an aon ghille seo. "Seo agad an aon ghille a th' agams'," thuirt ise.
"'S mise," thuirt esan, "Dòmhnall Mór Mac na Banntraich. 'S leam fhín an gleann." Sin a' chiad phort, mar gun canadh tu, no òran no rud sam bith a chaidh—'s leam fhín an gleann. Chan ann—bha tighearna mór ann is 's ann aig', leis a bha, bha e 'gabhail charge ás a' ghleann, fhios agad. 'S thòisich 'ad air dèanadh thaighean, 'cur thaighean suas. Cha robh 'ad a' faighneachd sian do Dhòmhnall Mór.
[JS:] Uh-hmm.
[PS:] Bha na taighean 'gan cuir suas, bha daoine 'dol a dh'fhuireachd annta, 's bha 'ad, bha 'ad ag obair mar sin. Ach dar a thigeadh i gu pìobaireachd 's gu rud, seo a' chiad phort 's a chuireadh Dòmhnall Mór Mac na Banntraich air a' phìob. Cha do chual' 'ad riamh, riamh, riamh, riamh a leithid. [BREAK IN TAPE] Fhios gun a bhith, chuir e á business, tha fhios agad, cha dèanadh e—cha robh math dhaibh sin a dhèanadh—
[JS:] Cha robh.
[PS:] —[chluich?]. Bha aca ri dhol am foill airson a gnothach a bhi ceart. Ach 's gur ann leis a bha 'n gleann. Ach cha robhar a' faighneachd sian dar a rachadh 'ad a thòiseachadh air taigh—ó bha stòirichean ann a bha uabhasach. Làn dhe na h-uile sian. Tha fhios, bhiodh 'ad a' faighneachd "Ciamar a chual' thu seo?"
"Uill, 's mise Dòmhnall Mac na Banntraich, agus 's leam fhín an gleann," thuirt esan.
"Ó cha b' ann, cha b' ann. Bha fear seo, is 's e as coltaich' an gleann a bhi aige na thusa." Is bhitheadh 'ad ag obair air disputes 's air rudan mar sin.
"Ach still, tha deed agams' air a' ghleann, thug m' athair dhomh e. Agus is leam e," thuirt esan. Air faigh e a' phìob, "Cuiridh mi air a' phìob dhuibh e." Fhuair e a' phìob, thòisich e phìobaireachd, "'S leam fhín an gleann, Dòmhnall Mór Mac na Banntraich."
[JS:] Sheadh.
[PS:] "'S leam fhín an gleann. Ach tha sibh a' cur suas, cur suas taighean. Chan eil fhios agams' cò tha sibh. Carson a tha sibh a' cur suas? Chan eil sibh ag iarraidh sian orm. Chan eil gnothach agam air gin dhiubh ged a tha sibh 'gan cur suas. 'S leamsa 'n gleann, is leam a tha na h-uile sian a tha sibh a' dèanamh." Ó bha 'ad ag obair mar sin is bhitheadh 'ad gàbhaidh.
[JS:] Sheadh.
[PS:] Bha ise là a-staigh leatha fhéin. Bha i 'na suidh' sìos pìos ann, is bha i 'coimhead suas. Bha i coltach—coltach an taighe is na h-uile sian a bh' ann, 's a h-uile sian, ris an taigh a bh' aice fhéin dar a bha i òg, fhios agad, dar a phòs i, 's nach robh ann ach both mar a dh'éirich e mach, gun do dh'eug a' Rìgh 's [BREAK IN TAPE] a h-uile seòrs' is bha nighean aige cho breàgha a's an t-saoghal. "Agus ma phòsas i thu, leigidh sin leat. Agus 's ann leam a bhios an gleann," thuirt esan, "'S ann," thuirt esan. "Bidh a' gleann leat ma gheibh thu nighean aig an tighearna ri phòsadh."
Ach bha nighean aige co-dhiù mu fac' e i seo riamh. Chaidh e còmhla ris, "Tha mi 'dol a choimhead," thuirt esan, "dh'fhaoidte té a chòrdas riutsa, nach còrd i riums'!"
"Tha fhios." Thigeadh an gnothach gu' robh siud a' coimhead ceart gu leòr. Ach thòisich e air siubhal is thàinig e air an taigh a bha seo, fhios agad, gur ann ach i fhéin 's an gille, Dòmhnall. "Sheo agad," thuirt esan, "An t-àite. Tha mise coimhead air a shon. Sin agad mo mhàthair," thuirt e. "Agus 's mise mac. Dh'eug m' athair," thuirt esan, "Is bha mo mhàthair na banntrach. 'S e Dòmhnall Mòr Mac na—" [BREAK IN TAPE] —bho na chunnaic 'ad i agus choimhead e gu math air mu chuairt air na— [BREAK IN TAPE] —[dromaichean?] 's air na [litrichean?] 's, bith dé an t-àite a dh'fhalbhadh e, bha deed aige gur ann leis a bha an gleann 's na h-uile sian, an aon mhac—.