GF105i06_106i01 ÒRAN A' CHOIN (LE NAIDHEACHD) Beulaiche: Gilleasbuig mac Ruairidh Chaluim Iain | Archie Rory MacDonald Naidheachd mun t-òran beag seo mu dheoghainn fheadhainn aig an robh, a' call caoraich agus 's e fear dhen fheadhainn a bha call nan caorach—caoraich—'s e an cù aige fhéin a bha 'gam marbhadh. Ach bha e ga chur air cù le nàbaidh eile dha bha faisg air làimh air. 'S thàinig e fhéin is nàbaidh eile a-nall aona mhadainn a choimhead air, an fhear seo, an nàbaidh seo, aig a' robh an cù. Agus bha e 'cur a' choire air a' chù aig an nàbaidh seo gur e a mharbh na caoraich agus thug an nàbaidh an cù aige a-mach ás a' bhàthaich gus a shealltuinn dha gu robh an cù 'sa bhàthach aige a h-uile h-oidhche. Agus tha seansa nach do chòrd sin riutha is dh'fhalbh iad is cha chuala iad an còrr mu dheoghainn nan caoraich na có bha gam marbhadh na có bu leis an cù a bha gam marbhadh. Gabhaibh mi 'nisd ceathramh na dhà dhen òran a chaidh a dhèanadh mu dheoghainn: Thàinig oifigear ro éirigh gréineadh Theab iad leum air Dòmhnull Phàdruig Thuirt Alasdair 'sa Bheurla Chan fhaod thu dhol as àicheadh Bheir mi mach e ás a bhàthaich Bheir mi mach e ás an t-sabhal Thàinig oifigear ro éirigh gréineadh Theab iad leum air Dòmhnull Phàdruig Thuirt Alasdair 'sa Bheurla Chan fhaod thu dhol as àicheadh Thuirt Dòmhnull le nàdar gur e deagh Bheir mi mach e ás a' bhàthaich Feuch an cur thu unnad speuclair Mura léir dhut mar a tha Cha robh coltas air a' chù Gu robh diù aige do mharag No gum beannadh e de chaora Ged a bhiodh a chaolan falamh Dh'fhalbh na h-oifigeir le sraon Coltach ri daoin' air am mealladh 'S cha chualas an còrr mu chaoraich 'S cha bhith mo ghaol 'tighinn a' rathad