GF105i04 ÒRAN LE LACHLANN IAIN BHÀIN D' A BHEAN (BEAN-GHLÙINE) Beulaiche: Gilleasbuig mac Ruairidh Chaluim Iain | Archie Rory MacDonald Bàrd: Lachlann Iain Bhàin | Lachlan MacKinnon Tha dotair an àiridh an-dràsda 'san tìr, Chan urrainn dhut am pàigh le àirdeas am prìs, Tha Ciorstag agus Màiri 'cur nàire orm fhìn, Mur sheall iad droch nàdar mun chàs an taigh Nìll. [Séist:] Fail ó, fail ó, seinn oro i, Fail ó, fail ó, seinn oro i, Fail ó, fail ó, seinn oro i, Bu chòir dhomh bhith gearan mun bhean agam fhìn. Thuirt Ciorstag gu stràiceil 's am pàisde air dòigh, "Chan fhaod thu sùil Mhàiri do làmh chur na chóir, Bhon a chaill thu do shlàinte 's a tha thu gun droll, Dh'fhàg siud mis' an-dràsda le càsan gu leòr." [Séist:] Fail ó, fail ó, seinn oro i, Fail ó, fail ó, seinn oro i, Fail ó, fail ó, seinn oro i, 'S i aimhreit nan cailleach a chur nàir' orm fhìn. Thuirt Màiri 'sa Bheurla: "I fail to see, How you can be able to say that to me, I have in my wallet, present it to me, A medical medal for grannies, you see." Bha Niall 'na shuidh 's gun guth ás a cheann, A' feitheamh nan cailleach a' tarraing na lamp', A' feuch a bha mi an gabh sibh aon dram, Ma faigh mi leibh dhachaidh 's e 'n Dàmhair bhios ann.