GF105i03 A' CHAS GHOIRT Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan [Archie Dan MacLellan:] Bha cas ghoirt agams' is bha mi 'tendadh an doctair an Inverness suas ann a' seo. Agus bha seann-bhoireannach ann 's o, boireannach math. Barrachd do chreideamh innte 's a bh' annamsa co-dhiù. Ach thàinig Mission Father a-staigh a' sheo an Inverness agus bha seachdain do Mhission aige shuas. Agus bha e supposed dha 'n—robh e—special blessing air an uisge coisrigte seo gu leighiseadh e, tha seansa, duine sam bith, 's mise faighinn pull gàbhaidh le 'm chois. Chaidh an t-seann-té seo suas agus an àite fios a chur air uisge coisrigte far a' robh mi 'fuireach, fhuair i botul do dh'uisge coisrigte a-nuas. Ach, o, bha mise, bhithinn a' gabhail shotaichean matha an uair sin. Fhuair mi cuideigin, chuir mi 'null dha 'n liquor store agus fhuair mi botul na dhà do bheer, quarts a bh' ann an uair sin. Agus, chuir mi 'staigh fo 'n lounge. Bha fear dhiubh fosgailte agams'. Thug mi label dhiubh, fhios agad, 's bha mi 'dol a ghabhail orm leis an t-seann-té nuair a thigeadh i 'staigh gur e uisge coisrigte a bha seo a bh' ann. Thàinig mi 'staigh agus o, bha, my gosh, o thòisich i 'bruidhinn air uisge coisrigte. "'S fhuair mi botul dheth," arsa mis', "a' seo." "O, an d' fhuair, a laochain, botul? Nach tusa rinn math? 'S có fhuair dhut e?" "Bean an taighe," thuirt mi, "a thug a-nuas dhomh e." "Agus coimhead ort, bhiodh e, choisrigeadh e a-nis uisge coisrigte seo agus nam b' urrainn dhut beagan dheth òl, dhèanadh e feum dhut." "Uill, a bheil fhios agad gun do ghabh mi balgam dheth," arsa mis'. "O, bha 'm botul a' dol sìos, bha dithis na trì agams' a-raoir." Bha mi 'ga chumail seo a' falach gur e a bh' ann. "Ach tha mi 'fairighinn na 's fheàrr," thuirt mi, "na bha." "Shin agad, a laochain, dìreach gabh—bi 'ga ghabhail, dh'fhaoidte 's 'gad choisrigeadh fhéin leis." Bha mis' ag éirigh air òl. "O Iòs' ach a feum tha e 'n deaghaidh dheanadh dhomh." Uill, bha 'ad a thoirt do shuim. Bha nigheannan a' bòrdadh 's an taigh sin, fhios agad, dha 'n àite, bheil agaibhse. Uill, bha 'ad a' faighinn, bha 'ad a' faighinn kick ás a' seo a bha gàbhaidh. Agus sin, bhiodh an athair, duine gasd' a bh' ann, bha e 'tighinn a-nuas á Ceap Màbu agus bhiodh e 'toirt a-nuas can do bhainne, fhios agaibh, you know, bainne. Thàinig an t-seann-té seo. "Na bi—cuimhnich—cha bhithinn-sa 'g òl bainne màrt à Phròstanaich idir." Cha robh guth gu robh i 'g ithe, gu robh i 'g ithe flùr nam marsanta—nam Prostanach. O, bha taoidhm agam fhìn 's aig na h-ighean nuair a bha i [?]—fhios agad fhéin. Agus cha do thachair mise na h-ighean siud, o gu—tha mi 'creidsinn gu robh suas ri fichead bliadhna ann, 's 'ad air banais. Agus choimhead 'n té dhiubh orms' 's dh'fhoighne[achd] mise có ás a bha ise. "Uill 's e NicAoidh a bh' annams'. Tha mi á Ceap Màbu. 'S e cousin do Alex MacLean a th' annam." "Oh my, airson Dia nan grasan." "An tusa a bha 'staigh an àite Mrs. MacDonald?" "Bha mise 'g òl an uisge coisrigte mhath a bha siud." "Uill, trobhad!" 'S e a' chuid a b' fheàrr dha 'n bhainis. Bha a h-uile sian a thachair a-staigh a' sin againn. You know, na naidheachdan. Sin a' chuid—bha mi cho toilichte tachairt air an dithis seo. Tha té dhiubh, cha chreid mi, pòsda shuas aig Glenville a' siud. Tha i pòsd' aig MacKinnon. [John Shaw:] Seadh. [ADML:] Agus tha 'n té eile dhiubh pòsd', bha i pòsd' dà thrup aig Smith. 'S e MacKays a bh' annta ri chéile. Ach bha cuimhn' ac' air an t-seann-té, fhios agad, cho gàbhaidh beannaichte 's a bha i. Cho gàbhaidh 's a bha na Prostanaich, cho [? ma 's fhìor?]. Cho baoth 's bhiodh feadhainn an uair ud.