A' dùsgadh na caillicheadh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF105i02 A' DÙSGADH NA CAILLICHEADH
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin
'S e naidheachd mhath air naidheachd na caillicheadh a bha sin. Bha bodach ann a bhiodh a' gabhail na h-ùrnaighean air na h-àireachan agus bha e uamhasach rough. Cha robh math gàire dhèanamh no sian—thogadh e na mairbh. Ach bha cailleach mhór ann a bhiodh làmh ris agus coinneal aice 'ga chumail leis dos [gus] gu leughadh e na leadain a bha seo a-mach. Agus bha i gàbhaidh measail air a bhith dol a chadal treisean dhe 'n oidhche agus bha i car duilich a cur air a cois. Agus bha toil aca i seo, fhios agaibh, a chur air a cois còmhla ris a' bhodach a bhiodh a' gabhail nan leadan. Agus 's ann shuas air a' bheinn an seo a bh' ann. Agus dé 'n dòlas a rinn an fheadhainn òga sìos ach poit, you know, anns am biodh iad a' bruich buntàta, no poit—agus bhiodh dubhadh an stòbh oirre. Thuirt iad gun cuireadh iadsan air a cois, a' chailleach, is chuir iad seo air am meòirean. Agus bha 'ad a' dùsgadh na caillich 's nach do chuir iad moustache oirre agus chuir iad peant agus bha e cho dubh ris an diabhal. Cha robh fhios aig an fheadhainn eile bha staigh idir air an fheadhainn a bh 'air an aire cha robh fhios aca gun robh seo a' tachairt idir. Agus thàinig àm nan leadan 's dh'éigh am fear seo, 's e fear ris an canadh iad Raghnall mac Pheadail a bh' ann—iad a bhith air an ùrnaigh agus leithid seo de bhoirionnach—chan eil fhiosam c' ainm a bh' oirre. Ach a-nuas a ghabh i agus a' choinneal aice agus thug an crowd a bha 'staigh an aire an coltas a bh' oirre seo agus moustache mhór oirre. Agus cha tuig a' fear a bha gabhail nan leadan—cha tuig e 'n aire idir dé go a bha seo. A Mhoire Mhàthair, thòisich an gàirichinn 's an gàirichinn gàbhaidh a-staigh. Agus thuirt a' chailleach 's i tionndadh mun cuairt: "Bheil sibh a' faicinn adhaircean ormsa?"
'S thuirt am fear eile, "Tha buin ann," thuirt a' fear eile, cuideigin a fhreagair i. Choimhead am bodach an uair sin air an té bha làmh ris. Cha b' urrainn dha fhéin na leadain a ghabhail aig deireadh na cùise—thòisich e fhéin air gàireachdainn. O, chaidh naidheachdan—rudan ait seachad a Mhr. John.