Naidheachd mu fhaire
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF104i12_105i01 NAIDHEACHD MU FHAIRE
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
—West a bha. Tha mi 'g innse naidheachd dhuibh air a' faire a bh' ann agus nuair a—corra chorp, bhiodh na glùinean aca, fhios agaibh, a' cromadh suas agus ann an àitichean bhiodh e dol air éislein an uair sin, 's e bòrd a bh 'ann, coltach ri bòrd-bìdh agus corra uair rachadh bòrd a chuir seachad air na glùinean ac' gus an cumail sìos agus [praidh/pry?] a chur suas na phrop gus na casan a chumail [streidse/stretch-te?].
Ach bha an gnothach a' fàs na bu gallta uile gu léir, agus dé rinn 'ad ach fon éislein, cheangail 'ad ròpa tight is tharraing a' ròpa. Bha an ròp', fhios agaibh, a' cumail na casan sìos. Thug 'ad a' sin ròp' a-mach ro uinneig, fhios agaibh, is bha e an ceanail làidir a-mach.
Ach chruinnich an taigh is bha e loma làn de dh'fheadhainn òga, is sean is òg a' sin. Is bha fhios aig an Deamhan seo dé—ciamar a bha an duine—a chasan—'ga chumail sìos, agus bha a' watchadh gus an tigeadh àm na h-ùrnaigh, is na leadain is bhiodh 'ad air an glùinean uile ag éirigh a' gabhail nan ùrnaigh. Bha esan air an taobh a-mach agus dé rinn e mun àm a bha 'ad am mheadhan a' leadain ach gheàrr e a' ròpa. Leum an corp suas. Thuit e car far na [?] a-mach a ghabh e air an [inaudible]—. [BREAK IN TAPE]
Nuair a fhuair esan 'ad air an [ùirneadh?] uile gu léir a-staigh 's am beannachadh Dia 's an deireadh 's a' dol air adhart. A h-uile duine cho [?] 'san taigh cho packte 's a ghabhadh e. Bha e fhéin a-mach agus gheàrr e ròpa a bha seo, is leum an corp suas. Tha mi 'smaoineach gun do thuit e car air an ùrlar 's a Dhia 's a-mach, leum 'ad uile air an cois 's 'ad 'dol a' sàs 'sna dorsan 's cha chualas leithid do go-ahead riamh agus ghabh e fhéin lethid do dh'eagal is bha e air an taobh a-mach agus bha e 'san deaghaidh 's e sìneadh orra sìos agus àsan a' smaoineach gur e fear a bheir an éislein a bha 'san deaghaidh. 'S cha mhór nach d'—chaidh e teann air landadh 'san abhainn 's a' bh'air a bhith air am bàthadh.