Beannachd: Duine a' fàgail an taighe
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF104i08 BEANNACHD: DUINE A' FÀGAIL AN TAIGHE
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Tàr-Sgrìobhadh: Steafan Dyke Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
[Archie Dan MacLellan:] Dh'fhairich mi m' athair, 's e a bha 'g innse dhuinn seo. Thàinig [BREAK IN TAPE] Chaidh bràthair dha-san a bhàthadh. Thug e dà bhliadhn' deug gu seòladh. Agus bha 'ad gu math duilich, tha seans', air a shon, 's a mhàthair, bha i beò.
Agus, thuirt a' sagart, "Ge bi có chì sibh fàgail an taigh' 's e 'falbh, ge b' i càit am bidh e 'dol a's an dùthaich seo na ge b' i càite. Cuiridh sibh soidhne na croise as a dheaghaidh agus Dia bhith 'ga theasraiginn—
[John Shaw:] Seadh.
[ADML:] —'s bhith gu math ri anam." Shin agad brìgh an t-sagairt. Agus, tha mise 'cumail even suas sin. Chan eil duine a dh'fhalbhas ás an taigh—chaidh e annam cho mór—chan eil e gu diofar leam có a th' ann, duine dubh na duine geal, tha mi a' cur comharra na croise ás a dheaghaidh seach gun accident sam bith a dh'éirigh dha.
[John Shaw:] Seadh.
[ADML:] Agus tha e 'mìnigeadh poidhle nuair a chreideas duine na rudan mar siod. Tha feadhainn ann nach creid e, ach tha e ceart, dìreach.