GF104i07 LAOIDH: THA MIS' AN SEO 'S MI 'M PRÌOSAN ISEAL Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan Bàrd: Rev. Angus MacDonald [Archie Dan MacLellan:] Spiorad a ghabh e— [John Shaw:] Sheadh. [ADM:] —anam a bha 'sa phurgadair is toil aige, tha mi cinnteach, ùirneachan a ghabhail air a shon. 'S thuirt e, dh'fhairich a' sagart ás an deòghaidh dhol a chadal mar am biodh e ás a thilleadh dhan taigh: Tha mise seo 's mi 'm prìosan ìseal, 'S leam bu mhiann a bhith ga fhàgail, Sin am pronnasdail gun diòcladh, Dh'òrdaich Dia 's e sian as fheàrr dhuinn, Far am bithinn d' anam 'ga sìorraidh, Gus am pàigh e fiach nam fàrdain. Sin a dh'ionnsaich mise dha 'n laoidh seo agus bha tùs eile 's bha i eireachdail.