Back to recordings

Comharraidhean sìde ann an dubh-liath muice

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF104i05N COMHARRAIDHEAN SÌDE ANN AN DUBH-LIATH MUICE


Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan



Mharbh mise na milltean do mhucan agus innse mise dhuibh mar a tha sin. Cha robh 'ad air, fàsaidh mionach na muicean cho liath ud leatha. Agus air an toiseach, uell, tha sin toiseach na muic, a' mhionach 's e a' thoiseach, tha i suas ris a'—uell—le ceann na muiceadh a' chuid sin dheth agus ma bhios sin tiugh, an toiseach, bhiodh geamhradh, bidh droch gheamhradh ann 'na thoiseach is ma tha i 'ruith a-mach [?] bidh toiseach samhraidh ann. Ach ma tha an dubh-liath, ma tha i car 'san aon rud fad na h-ùine car tana, 's e geamhradh math a bhios ann, agus ma tha deireadh uell, na dubh-liath tiugh 's an toiseach aice tana, bidh fìor dhroch-shìde ann air toiseach an t-samhraidh ged a bhiodh toiseach a' gheamhraidh math. Agus tha e cho fìor 'sa ghabhas e, nuair a chìtheadh duine sin, thà.


Archie Dan MacLellan
An Camus Leathann | Broad Cove 63 recordings Faic pròifil | view profile