GF104i04 COMHARRAIDHEAN DROCH GHEAMHRADH Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan [Archie Dan MacLellan:] An t-seann fheadhainn a bhiodh 'ad—soidhnichean a bhiodh aca air droch gheamradh, na chìtheadh 'ad duilleag mór air a' chraoibh. Agus rud eile dheth, nuair a bhiodh na féidh, fhios agaibh, nuair a' sgrìobadh 'ad a' chraobh, fhios agaibh, aig a' bharc. Tha sibh a' tuigsinn—an casan na le am beul, bheireadh 'ad a' chairt dhi, bhiodh a' sneachda cho àrd sin. [John Shaw:] Bhiodh. [ADML:] Bhiodh. Agus rud eile dheth, nuair a bhiodh na neadan choinnspeach shuas air àirde, air meuran nan craobhan àrd. 'S e fìor shoidhne sneachda a bha sin cuideachd. [JS:] 'S e. [ADML:] Cho fad 's a tha na fithich concerned agus tha an t-eagal orm gum biodh geamhradh mór ann am bliadhna. Bha mi fhìn a' smaoineach is tha 'ad uabhasach pailt. Gur ann a thaobh na h-election a bha 'ad gum meetings mhór aca fhéin airson—ach tha 'ad cho pailt am bliadhna agus tha mi 'deanadh amach gum bi sneachda mór, mór ann, nach robh riamh an uiread do shneachd ann 's a bhios am bliadhna, ma chreideas sibh mi a' réir na soidhne—'s e fìor shoidhne a tha siud, 's e.