Féin-Fiosrachadh le Manaidhean
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF103i04 FÉIN-FIOSRACHADH LE MANAIDHEAN
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
[Archie Dan MacLellan:] Innsidh mise dhuibhse an fhìrinn, a chithinn-sa dhut, a robh fhios agaibh? Agus chithinn-sa a' [ghealach làn?] sholust [thu?]. Nam biodh tòrradh, duine 'dol a dh'eug, thachradh tòrradh orm.
Agus thachair—chunna mi—bha mi 'dol suas ri lòd de phit timber a Inverness. Cha robh mi ach òg. Bha mi sin. Bha seann fheadainn a' fuireach taobh a' rathaid, ann an—a's an t-seann-taigh-sgoileadh, agus bha seann-té ann agus bha i uabhasach slack agus an fheadhainn òga an uair ud bha—theireadh e toileachadh dhaibh a dhol gu faire, dìreach—bha e cho math leò ri dhol gu dannsa.
Ach co-dhiù, bha mise 'dol suas agus thachair fear an taighe orm agus trì bùird aige air a ghuallain. Bha taigh-sgoileadh ann agus cha robh e mionaid bhon àite aca fhéin agus bhruidhinn mi ris an duine seo agus thug e sùil orm is cha do fhreagair e idir, idir mi. Dh'fhoighneach mi dha, "Ciamar a bha Màiri?" na biodh gu dé an t-ainm a bh' oirre, Peigi, an uair sin. Cha d' fhreagair e idir mi. Is dh'fhairich mi e a' dol a-staigh air a' front door agus chuala mi fuaim nam bòrd 'gan tilgeil, fhios agaibh, air an ùrlar, agus thàinig mi sin dhachaidh agus bha cuideigin a-staigh a' seo bhiodh a huile duine faighneachd an do dh'eug a' chailleach seo? Agus iad car a' dèanamh taoim air a' chéile. "Deagh fhios 'am," arsa mise. Thachair Gilleasbuig orm agus trì bùird aige air a ghuallain agus bhruidhinn mi ris. Thug e sùilean orm is cha do fhreagair e idir mi.
Alright, an oidhche sin bha—thàinig boireannahc—ban-choimhearstanach [ban-choimhearsnach] nuas a chaithris a bhoireannaich, seo agus chaochail am boireannach, agus bha toil aca an uair sin àradh, bòrd, 's e eisleinn theireadh 'ad leò—
[John Shaw:] 'S e.
[ADML:] —a dhèanadh airson am boireannach a chur orra.
[JS:] Seadh.
[ADM:] Agus cha robh bòrd ma chuairt agus thuirt am boireannach a bha seo, bha 'ad an deaghaidh an taigh-sgoileadh a chur suas a' foghar sin fhéin, agus "Tha mi 'creidsinn gu faigh sibh dhà na trì de bhùird a bha chóir a-staigh 'san taigh-sgoileadh air a lobhtaidh agus thigibh sibhse a-nunn" thuirt i, agus cha chanamaid air an [t-section?] sin guth airson a' leithid seo is fhuair e trì bùird. Thàinig e nall is rinn e an éisleinn. Agus chunnaic mise sin aig two o' clock feasgar.
[JS:] Seadh.
[ADML:] Uill, a-nise, a' latha—mhadainn a' làrna-mhàireach, bha mise 'dol suas le lòd aig eight o' clock 'sa mhadainn is bha each òg agam, trì bliadhnach, còmhla ris a' bheathach eile. Is bha a' rathad cuimseach caol aig an abhainn mhór, a theireamaid thall a' seo, agus bha 'ad a' gabhail na h-aibhneadh, an drochaid lom is lòd agam. Chunnaic mise tòrradh a' tighinn 'nam choinneamh. Thuirt mise agam fhìn airson Dia dh'fhaoidte gun gabh an t-each òg agam eagal, agus tharraing mi a-staigh e cho fad 's a b' urrainn dhomh far a' rathad. Bha a' rathad caol. Agus thug mi sùil is cha robh duine ann. Cha robh duine ann. Cha robh tòrradh na sìon ann. A' làrna-mhàireach, thàinig tòrradh á Inverness a-nuas gu eaglais, chaidh an duine a bh' ann a thìodhlacadh ann an cladh Bhroadcove. Is chunnaic mi sin 'san latha chlìor, latha. Agus chithinn rud sam bi bho chionn—chan fhaca mi sian bho chionn beagan bhliadhnaichean a' seo. Uill, o, chunnaic—ach chunna mi [tùs?] dhe rudan, fhios agad, nach do thachair, ach chan fhiosrach mi gu faca mi spiorad marbh idir, ach cha chreid mi nach fhaca mi spiorad marbh ach chan fhaca mi duine. Cha robh mi 'dol a mhionnachadh có bh' ann ach innsidh mise dhuibh mar a bh' ann.
Chaidh mi gu pàrtaidh sìos Broadcove Marsh a' seo, bha na h-eich agam sgìth is bha 'ad ag obair fad a' latha is bha làir agam agus bha i sweatadh poidhle latha sin is thug mi leam i fhéin is a' wagon thall ann an tòiseach an t-samhraidh, ann an April a bh' ann, agus choimhead mi a-mach agus uisge is dìle is sneachda a-mach is cha do ghabh mi sìon orm, cha robh ach mi fhìn, is thuirt mi, "Tha mi 'falbh, dh'fhaodadh a' làir coilig a ghabhail na rud an deaghaidh a bhith 'g obair," ach chuir mi orm mo chòt' is leum mi 'sa wagon is dh'fhalbh mi, is bha a' rathad cho gàbhaidh, mosach, bha uisg' is sneachd is a h-uile rud ann. Ach taobh a' rathaid, step duine làmh rium agus cha do chuimhnich mi riamh gur e spiorad a bh' ann na sìon. Cha do studaig mi riamh air spiorad ach, "Goodnight" thuirt mi, "Goodnight. Do you want a ride?" Bha e fhéin 'dol air chois, 's e a' Bheurla a bhruidhinn mi ris. Cha do fhreagair e idir mi. Bha e 'coiseachd 'sna cuibhlichean agam. "Leum! Jump in the wagon!" You know he was going the same way as I was. He never answered me. A young man with [indecipherable]. "And who are you?"
"You know me," thuirt e fhéin.
[JS:] O Dhia.
[ADML:] That's all. Dhisappear e dìreach mar siud. Cha robh sgeul ann.
[JS:] Cha robh sin cneasda.
[ADML:] Uill, 's e spiorad a bh' ann.
[JS:] 'S e.
[ADML:] 'S e.
[JS:] Cha robh sin cneasda.
[ADML:] Ach airson forerunners, rudan a bha 'dol a thachairt, even, air feadh nam bailltean a' seo, mun dàinig na tractors agus na h-uidheaman a' seo, chunna mise a' leithid sin is chunna mi air a' bhail' againn fhìn e ann am pàirc, rud diabhalta a bh' ann, is bha mi 'smaoineach gur e an donas a bh' ann ach an-diugh, tha fhios agam.
[JS:] Seadh.
[ADML:] Tha siud ceart. Ach chan fhaic a huile duine rud.
[JS:] Chan fhaic.
[ADML:] Chan fhaic, chan fhaic.
[JS:] Chan fhaic.
[ADML:] Ach tha feadhainn eile ann a tha làn taibhs'—
[JS:] Tha.
[ADML:] —corra dhuine 's tha feadhainn ann nach creid duine ged a dh'innseadh e dhaibh e. Duine nach robh taibhsearachd aig' idir.
[JS:] Sheadh.
[ADML:] Agus nam bithinn-sa faicinn spiorad an dràsd' agus gun thusa 'ga faicinn idir, chuirinn mo shàil air uachdar d' òrdaige—
[JS:] Sheadh.
[ADML:] —gus chuirinn mo làmh air mo ghualainn
[JS:] Sheadh.
[ADML:] Agus 's e a' rud cho gàbhaidh 'sa rinn duine riamh an taibhsearachd ionnsachadh. Dh'ionnsaich bràthair athair dhomhs' an taibhsearachd [...?]—
[JS:] An do dh'ionnsaich?
[ADML:] —agus—
[JS:] Ciamar a rinn e sin a-nisd?
[ADML:] Dìreach a' cheart dòigh, bha e 'coiseachd còmhla ri cuideigin is chunnaic a' fear seo duine is dh'fhoighneach e dha am bu toil leis-san siud fhaicinn cuideachd? Dh'eug e 'na ghille òg ach bha e 'ga chur ás a cheann a dhol a-mach air an oidhche, gu faiceadh e rud. Shiud agaibh dìreach an fhìrinn a nis. [BREAK IN TAPE] Thig i air duine. Thig i—
[JS:] Thig.
[ADML:] Thig i air duine. Cha do dh'ionnsaich duine riamh dhomhs' i.
[JS:] Cha do dh'ionnsaich.
[ADML:] Agus chan eil mi gealtach idir, nach eil siud ait.
[JS:] Chan eil.
[ADML:] Tha feadhainn ann a tha cho gealtach 's a ghabhas 'ad.