GF103i03N NAIDHEACHD MU DHÒMHNALL IAIN DHÒMHNAILL 'IC AN TÀILLEIR (MAC'ILLFHIALAIN) (TAIBHSEARACHD) Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan [Archie Dan MacLellan:] Naidheachd bheag air an duine sin. [John Shaw:] Có, cò—? [ADM:] Air Dòmhnaill Iain Dhòmhnaill 'ic an Tàilleir, duine a tha sibh a' mìneagadh. Bha e 'fuireach a' seo oidhche agus bha e deaghaidh a dhol a chadal. Start mi seo suas gu dearbh. Bha e deaghaidh a dhol a chadal air an oidhche bha seo. Bha e 'fuireach leis fhéin. Uill, tha an teaghlach, bha an deaghaidh falbh. Agus thàinig gnogadh aig an uinneig aige, agus bha seo a' cur iongantas air. Cha deachaidh e 'mach air an oidhche seo idir. Is an ath-oidhche a' sin, dh'fhairich e a' cheart gnogadh, ach an treas oidhche, chaidh e 'mach agus chunnaic e an duine a bha seo agus bhruidhinn e leath' is dh'aithnich e e agus thuirt e ris gu feumadh e falbh còmhla leis-san. "Rudeigin a thàchair sìos rathad St. Rose," thuirt e. Agus gun toireadh esan a-staigh e a choimhead air a' rud a thachair a' seo agus dh'innis e dé bh' ann, ach cha do dh'innis Dòmhnaill Iain Dhòmhnaill riamh gu dé thuirt an duine leis. Ach chan fhaca e tuilleadh an duine ás a dheaghaidh sin. Agus am bi—gu dé bh' ann, bha e 'cur trioblaid air. Fear a bh' ann, chuir e rudeigin a' falach ann a—a-staigh ann am pàirce, [dol ann?] do choillidh. Agus cha do dh'innis e do dhuine riamh dé bh' ann. Is bha e 'cur trioblaid air. Agus shin dìreach an naidheachd a dh'fhairich mise e 'g innse air mar a thachair an gnothach. Cuimhnich thus' an t-astar a bh' ann coiseachd sìos bhon àite aigesan gu ruige St. Rose a' sin. Agus thug e staigh dha'n choillidh e agus am bi gu be dé bh' ann chuir an duine seo am falach, dh'innis e do Dhòmhnall e. Dh'innis. Dh'fhairich thusa e 'ga chluinntinn? Dh'fhairich, dh'fhairich.