Naidheachd mu John R. Gillis
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF103i02 NAIDHEACHD MU JOHN R. GILLIS
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Ann an naidheachd seo, bha e na pholiceman mun do dh'fhalbh e dha 'n cogadh, bha e 'mach ann an Vancouver, British Columbia. Agus bha fear eile còmhla ris, thuirt e, 's ann dha 'n àite agaibhse a bha e, pholiceman do dhuine laghach. Agus bha iad, gum biodh 'ad còmhla fad na h-ùineadh, policeadh na town ás a robh e.
Ach, dh'fhalbh John R. dha 'n cogadh, dh'enlist e air a' chiad duine chaidh dha 'n cogadh, agus 's e a' chiad duine a chaidh, am measg na saighdearan a bh' ann a chaidh cross, agus 's e a' chiad duine a chaidh a dh' ionns' a' bhattlefield.
Ach cò-dhiù, thill e dhachaigh, an deaghaidh tilleadh dhachaigh ás a' chogadh, chaidh e 'mach dha 'n àite seo, cha chreid mi nach ann an Vancouver, British Columbia a bha e. Agus bha e 'coiseachd air an t-sràid, an oidhche bha seo. Agus by God, thachair am policeman, a' fear a bhitheadh còmhla ris fad na h-ùineadh air.
Chuir John R. fàilt' air, 's uill, thuirt e,
''Tha mise—chaochail mi," thuirt e fhéin. Agus fhuair e airgead air choireigin 'san àm, nach d'fhuair e a thoirt seachad dha 'n choncern a bha 'ga thoirt dhaibh. Chan eil fhios a'm co-dhiu an e fine a bh' ann, no gu dé bh' ann. Cha robh e mór a rud a bh' ann, co-dhiù. Cha robh ann ach mu dhà dholair do dh' airgead.
"Agus tha sin a’ cur trioblaid orm-sa, agus a' faic thusa seo na àite fhéin. "
'S chuir John R. 'na àite fhéin e, agus 's e duine fìrinneach a bh' ann an John R., dh'inns e—dh' fhairich mise fhéin 'ga innse, bha 'ad bruidhinn car air spioraid, air rudan mar sin. Agus bha esan a' smaoineach gur e a bh' ann, 's an uniform air nuair a thachair 'ad air a chéile.
Agus sin na thig agamas air innse dhuibh. Bha 'ad bruidhinn air na rudan seo, dìreach cho beag 's a bh' ann, a rud a bhitheadh cuir, dh'fhaoitde daoine, a' cumail daoine gun a dhol a-staigh a fhlathanas, fhios agaibh. Gu bheil a h-uile sian ri fhaicinn pàighte.
Ach an duine bochd a bha seo, cha d'fhuair e ùine seo thoirt seachad, ge be có dha bh’aige ri thoirt, fhios agaibh. Agus sin agaibh direach—chan urrainn dhomhsa ach direach sin a dh’innse dhuinne.