Back to recordings

Sgeulachd an Eich Ghlais

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF101i04 SGEULACHD AN EICH GHLAIS


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2024-03-25


Bha siud ann roimhe ma-tà, leth sheann duine, agus e fhéin agus a bhean a' cumail taighe. Agus bha e cuimseach math air a dhòigh ann an airgead 's ann a gnothaichean ach cha robh e a' cumail creutair sam bith ach each mór glas a bh' aige. Agus thuirt e ris a bhean a' latha a bha seo co-dhiù, "Tha mi," ars' esan, "a' dol a shiubhal an t-saoghail," ars' esan.
"Có leis," ars' ise "a bheil thu falbh?"
"Bheir mi leam an t-each is an dìollaid."
"Ò gu dearra," ars' ise, "chan dèan thu cus siubhal leis a' sin."
"Ò nì mi roinn," ars' esan. Agus thog e rithe an latha bh' ann a' seo agus dh'fhalbh e agus bha—chaidh e air cunntais mhór mhìltean air falbh a' siud 's a' seo 's a' coimhead thuige 's bhuaithe cho math 's a dh'fhaodadh e.
Ach feasgar dhe na feasgair co-dhiù, studaig e gum b' fheàrr dha feuchainn ri dhol dhachaigh gun fhios gu dé mar a bha an taigh is a bhean a dh'fhàg e a-staigh. Agus [dh'fhàg/dh'amhairc?] e banntrach car goirid dha agus aon a ghille beag aice. Agus cha robh i ach bochd san t-saoghal, bhiodh na nàbaidhean ga cuideachadh. Ach feasgar Disathairne co-dhiù, thuirt a' mhàthair ris a' ghille bheag, "Feumaidh tu dol," ars' ise, "a dhol a stòr," ars' ise. "Tha an taigh," ars' ise, "gun bhiadh." Ach gum biodh na nabaidhean ga cuideachadh beagan.
"Ciod thuige," ars' esan, "nach do dh'iarr thu orm tràth?"
"Uill," ars' ise, "cha do chuimhnich mi. 'S fheàrr dhut falbh." Is dh'fhalbh an gille. Ach có dh'amais tighinn dha'n stòr mun chuairt ach a' fear aig a robh an t-each glas agus e a' feuchainn ri faighinn dhachaigh. Agus chunnaic e an gille beag a bh' ann a' seo agus e a' dèanamh suas pharcel 's a bheireadh e leis. Cha do chuir e cus uimhreachd a dh'fhear dhiubh siud.
Start an gille, co-dhiù, a' falbh ás a' stòr mar a dh'fhàg a' fear aig an robh an t-each glas. Ach bha am fear aig an robh an t-each a' tighinn co-dhiù is dh'fhairich e caoineadh ri taobh a' rathaid agus thàinig e far muin an eich agus chaidh e a-null agus bha an gille beag a chunnaic e 'sa' stòr ann a' sin agus e 'na shìneadh air taobh a' rathaid agus e a' caoineadh. "Gu dé," ars' esan "a tha ceàrr?" thuirt e.
"Ò," ars' esan, "tha mi a' stèarbhadh," ars' esan, "is dh'fhàs mi lag," ars' esan. "Agus," ars' esan, "chan urrainn mi faighinn dhachaigh."
"Ò, 's urrainn," ars' esan, am fear aig a' robh an t-each. Tha lunch agam-sa ann a' seo agus ghabhadh tus' i" ars' esan "agus tha tì agam ann am botal," ars' esan 's ghabhadh tu i. Thug e dha'n ghille bheag co-dhiù an lunch agus an tì agus chuir e air a chùlaibh air muin an eich e. "A-nis," ars' esan, "innsidh tu fhéin dhomhsa" ars' esan "far a bheil an taigh agaibh nuair a bhios sinn a' casadh air."
"Innsidh," ars' esan, an gille. Thàinig 'ad mu choinneamh an taighe, co-dhiù agus "siud," ars' esan, an gille beag, "an taigh a's a bheil mise a' fuireach". Dhràibh e suas co-dhiù is ràinig e an dorust, agus dh'fhairich a' mhàthair an gille beag a' tighinn chun taigh ach cha robh fhios aice có am beathach a bh' ann no có an duine. Agus dh'fhosgail e an dorast agus thàinig e a-staigh co-dhiù, an gille, a-staigh.
"Có," ars' ise, "am fear a tha còmhla riut a' siud?"
"Chan eil fhios agam-sa," ars' esan "ach gu dearbh bha feum agam air," ars'' esan, "thog e mi suas air a' rathad a' tighinn," ars' esan, "agus feuch," ars' esan, "gun gabh sibh ris gu math." Chaidh i a-mach co-dhiù.
"Ge b' e có thu," ars' ise, "cuiridh tu an t-each sin agad a-staigh dha'n t-sabhal bheag sin thall, agus thig thu fhéin a-staigh," ars' ise. Chaidh e is chuir e an t-each a-staigh. "Cha do chuimhnich mi," ars' ise, "iarraidh ort biadh a thoirt dha'n each. Theirig a-null," ars' ise, "agus tha barrailte ann a' sin anns a bheil làn de dh'fheed a bha mi a' toirt dha na cearcan is bheir," ars' ise, "roinn dhe dha'n each agus tha feur gu leòr ann."
Thàinig e a-staigh co-dhiù agus dh'innis e có e-fhéin 's a h-uile sìon agus "Chan eil thu," ars' ise, "a' falbh," ars' ise, "a-nochd."
"Uill, ma chumas tu mi," ars' esan "cha dh'fhalbh." Ach bha sin alright co-dhiù, thug i dha shuipear is thug i suipear dha'n ghille bheag co-dhiù. Làrna-mhàireach co-dhiù, thug i òrdan dha a dhol a-null agus an t-each a bhiathadh. Chaidh e a-null a bhiathadh an t-each co-dhiù. Agus thuirt e an ceann speil, "tha mise a' falbh," ars' esan.
"Chan eil thu falbh an-diugh," ars' ise "is chan thu a' falbh a-nochd" ars' ise "gus an rest thu gu math."
"Uill, ma chumas tu mi," ars' esan, "tha mi faireachdainn car sgìth alright." Ach a' mhadainn an-earar co-dhiù, thug i na h-ordan cheunda a dhol a-null is an t-each a bhiathadh. Chaidh e a-null dha'n t-sabhal agus bhiathaich e an t-each is chuir e air dòigh e co-dhiù is nuair a fhuair e deiseil le sin o ruith a' latha. "Tha mi 'nisd" ars' esan, "a' dol gur fàgail" ars' esan.
"Uill," ars' ise, "tha aig do thoil fhéin," ars' ise. "Tha làn dith do bheatha fuireach latha no dhà eile. Ach," ars' ise, "dh'fhaodadh tu fhéin an rud a thogras tu fhéin"
"Ò chan fhàn mi idir," ars' esan, "rinn thu tuilleadh is math rium."
"'S ann a rinn tuilleadh is math rium thusa," ars' ise "nuair a thug thu an gille agam beò ann a' seo. Cha dìochuimhich mi," ars' ise, "am feasta gu bràth thu."
Dh'fhalbh an gille co-dhiù agus dh'fhàg iad goodbye aig a chéile agus dh'fhàs an gille, dh'fhàs e na ghille mór agus bha e a' cosnadh roinn de dh'airgead a' siud 's a' seo. Agus latha dha na làithichean bha e a' leughadh a' phàipeir agus chunnaic e anns a' phàipear far an robh an taigh agus an t-àite bh' ann a' seo a' falbh 's dha taxaichean. Agus dh'éigh e dha mhàthair, "chan eil siud," ars' esan "an taigh a bh' air an fhear," ars' esan, "aig a' robh an t-each ghlas a thug mise ann a' seo?"
"'S e," ars' ise. "Tha an taigh aige 's an t-àite airson a dh'fhalbh 'son taxaichean air a' leithid seo a' latha."
"By God," ars' esan "chan fhalbh," ars' esan "ma 's urrainn mise." Ach bha e cunntais mhór mhìltean bhuatha.
Fhuair e deiseil a' latha a bha siud co-dhiù agus dh'fhalbh e agus ràinig e taigh a bh' ann a' sin a bha goirid dha'n taigh a bha iad a' dol a' rùp co-dhiù. Is dh'fhaighneachd e dhiubh ann a' sin an robh an taigh aig a' leithid seo a dhuine a' falbh ann an taxaichean. "Tha rùp a dol a bhith a-màireach ann." Chaidh e-fhéin agus a' fear a bha sin a-null co-dhiù gu àite, tha mi 'creidsinn gur ann an taigh-cùirte' a bha 'ad ga rùp. Ach cha do chuir esan, bha iad a' cur bet [bid]a' siud is a' seo is fear an-dràsd' 's a-rithist ach cha robh esan a' cur bet idir ann, ach nuair a shaoil leis gu robh iad gu math gann air stad co-dhiù. Chuir esan bet ann. Ma chuir, chuir fear eile bet mu choinneamh agus leig esan siud seachad co-dhiù is an ceann speil chuir fear eile bet ann. Bhet e, is an uairsin 's dh' fhàg 'ad aig' e.
Thàinig e a-nall, co-dhiù, gu an taigh an fhear leis a bu leis an t-àite agus chaidh e a-staigh agus dh'fhaighneachd e dha'n fhear leis a bu leis an t-àite, "gu dé," ars' esan, "a dh'éirich dhut gu robh an t-àite falbh 'sna taxaichean?"
"Aah," thuirt esan "bha mise uair a bha mi glé mhath," ars'' esan, "ach theirig an t-airgead dhomh is tha mi a' fàs sean," ars' esan, "a-nist."
"Uill," ars' esan, an gille, "dé bhiodh tu dèanamh?"
"Uill, innsidh mi sin dhut," ars' esan, "bha mi faireachdain cho math ann an airgead an uair 's gun do dh'fhalbh mi a shiubhal," ars' esan, "an t-saoghail," ars' esan.
"Is gu dé," ars' esan, "an dòigh anns an deachaidh tu a shiubhail?"
"Thug mi leam each is dìollaid a bh' agam."
"Dé an dath," ars' esan, an gille, "a bh' air an each?"
"Glas," ars' esan.
"Tha, tha thu agam," ars' esan. "Tha an t-àite sin agamsa an-diugh," ars' esan, an gille "agus bidh e agad-s' agus aig a' bhean fhad 's a bhios sibh beò," ars' esan. "A bheil cuimhn' agad air a' ghille bheag," ars'' esan, "a bha 'caoineadh an [drain?] a' rathaid 's a thog thu e?" Ò nuair a chuala a' fear eile seo, fear a bh' ann, rinn e toileachadh uabhasach ris. "Agus," thuirt esan, "bidh an t-àite sin agad," ars' esan, "agus aig do bhean fhad 's is mise beò," ars'' esan, "agus pàighidh mi fhìn na taxaichean air do shon," ars' esan is dh'fhàg e goodbye aige.



Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile