GF091i09N OIDHCHE CHALLUINN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Tha cuimhn' agam ri aon— cuimhnichinn ri aon fhear, acn tha a leithid do dh'ùine bho 'n a, bho 'n a dh'aithris mi duan 's gu bheil e duilich dhomh cuimhneachadh a-mach buileach aig an àm seo orra. [John Shaw:] Tha. [JNM:] Ach [BREAK IN TAPE]—'gan cluinntinn tric gu leòr aig an fheadhainn a bhiodh, a bha eòlach air duain 's a bha duain acasan ás a' cheàrna. Bhiodh rann aca; ma dh'fhaoidte gum biodh e freagarrach air duan 's ma dh'fhaoidte nach bitheadh. Ach chunna mi duan ann an, ann an àireamh dhe 'n Mhac-Talla bho chionn àireamh air n-ais do bhliadhnaichean, is dh'ionnsaich mi sin. Bha, bha e fada—'s ann air a dhèanamh airson duan a bha e. [JS:] 'S ann. [JNM:] Bhiodh na daoine aosda—cha bhiodh, cha bhiodh e iomchaidh gur e na gillean òga a-mhàin—dh'fhalbhadh na daoine a bhiodh suas am bliadhnaichean, daoine pòsda. Is, o, bhiodh daoine, daoine a bha suas greis ann am bliadhnaichean, bhiodh 'ad a' falbh air na turuis cuideachd agus bhiodh, bhite a' dol thuca sin a dh'ionnsachadh duan. [JS:] Am biodh? [JNM:] O, bhiodh, bhiodh. Bhiodh an ògradh a' dol thuca—feadhainn a bha ma dh'fhaoidte ceithir deug na còig deug a bhliadhnaichean a dh'aois, neo ma dh'fhaoidte a bhiodh suas gu fichead bliadhna a dh'aois—dh'fheumadh iad a dhol gu cuideiginn aig an robh duan airson duan ionnsachadh dhaibh. [JS:] Sheadh. [JNM:] Agus dh'ionnsaicheadh 'ad an duan a bha sin. 'S nuair a dh'ionnsaicheadh 'ad an duan sin rachadh ;ad air chéilidh Oidhche Chaluinn 's bhiodh e comasach dhaibh fhaighinn a-staigh. Bhiodh e doirbh, bhiodh an gnothach doirbh mura faigheadh tu a-staigh do thaigh an deaghaidh a dhol air do thurus, air chéilidh. Bhiodh e gu math ceacharra leat a dhol air chéilidh. Agus: Tha duan agam 's bha an duan [àbh/àth?] An duan gu ruigeadh tu a' dol gu blàr Nuair a shuidh 'ad air an t-siteag Chlisg 'ad mise 'sa [leab' àrd?] Thàinig [e?] air mo [shon/choin?] 'sna bailtean Thàinig air astar dhiubh grunn 'S thàinig na bha choin am Breamhainn ('S e seòrsa – feumaidh 's gur ann a's an t-Seann Dùthaich a chaidh an duan seo a dhèanamh). [JS:] Feumaidh [...?]. [JNM:] Thàinig na bha choin am Breamhainn Leis an fhéist a bh' os an cionn 'S thòisich na cearcan air sgrìobadh 'S dh'fhàg 'ad na h-ìnean 's a' ghrunnd Ach an aona chearc a bh' aig Eòghainn MacDhiarmaid 'S cha deach i riamh os a chionn. [BREAK IN TAPE] [uaireannan?]— tha mi 'n dùil nuair thigeadh 'ad a-staigh, uill ann a'—ri m' àm-sa, nuair a thigeadh 'ad a-staigh dhain taigh, cha bhiodh 'ad ach ri, ri seanachas agus ri cur seachad ùine—fearas-chuideachd aca—'s rachadh, rachadh biadh, rachadh riarachadh thoirt dhaibh do bhiadh. Rachadh tì thoirt dhaibh is biadh. Tha mi cinnteach ann an àiteachan, nam bitheadh, nam biodh stuth làidir, gu faigheadh 'ad drama cuideachd. O, tha cuimhne agam air iad a bhith ann an taigh air Oidhche Chaluinn agus chaidh an drama a riarachadh mu chuairt air feadh nan taighean.