GF091i06N STOIRM NA FÉILL ANNDRAIS Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [JNM:] [So chuir?] thu sìos mu dhéidhinn, mu dhéidhinn stoirm. [JS:] [...?] chuir. [JNM:] Stoirm na Féill Anndrais. Bhiodh iad a' bruidhinn air storim na Féill Anndrais. Mar sin a-null aig Là Fhéill Anndrais, deireadh na Samhna, deireadh mìos na Samhna, bhiodh iad ag ràdhainn gu robh storim mhòr ri tighinn mun aimsir sin. Ma dh'fhaoidte gun tigeadh i làithichean ro, ro Fhéill Anndrais agus ma dh'fhaoidte gum biodh i làithichean ás a dheaghaidh gun tighinn. Ach bhiodh iad 'ga ainmeachas co-dhiubh nuair a thigeadh stoirm agus sileadh uisge, na ma dh'fhaoidte sileadh shneachda; chanadh iad gur e seo pàirt de stoirm na Féill Anndrais.