GF091i01N ABAIRTEAN AIR RÀITHEAN: OIDHCHE SHAMHNA, LÀ FHÉILL SHEATHAIN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Air na féilltean, chanadh iad air Féill na Samhainn—air Oidhche Shamhna—chanadh iad 'na gamhna ris na laoigh. Agus 's ann air Là Fhéill Sheathain a bheireadh iad na h-aighean riuth' a-rithist. Agus mar sin, bhiodh iad 'nan laoigh gu—gu Samhainn agus bhiodh iad 'nan gamhna a-mach bhon àm sin gus an—gu Là Fhéill Sheathain, mar a bhiodh an t-seann-fheadhainn a' cantail mun spréidh.