GF085i06 ÒRAN NAN TÒRAIDHEAN Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean Bàrd: Seumas "Bàrd" | James Campbell [Séist:] O hì rì hill ò bha hò, O hi rì hill ò bha hò, Hao ri illinn hog i ò, Mo chridhe trom 's cha neònach. 'S Gur e liath mo cheann 's a ghlas e, 'S e Sir John a bhith fon talamh; 'S an taigh mòr aige gun cheartas, Gun dad ann ach còmhstri. Soraidh bhuam gu Eachann Chaluim, Member Pàrlamaid an Eilein; Gura math leam thu bhith fallain, 'S guma fada beò thu. 'S ged a ruitheadh tu election, Uair 'sa mhìos no uair 'san t-seachdain; Cha bhiodh chùram ort ri d' mhaireann, Fo bhratach nan Tories. Falbhaidh sinn gun ghruaim gun sgìos, Suidhidh sinn air cushion sìoda, Coimhead a-mach air gach nì, Gu ruig sinn tìr ar n-eòlais.