GF085i03 DUINE A DH'FHÀS TINN AIR SIUCAR CHRAOIBH' Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern 'S gun d' dh'éirich thu DiDòmhnaich, Treis mhór mu' ro latha ann, Cha do dh'iarr thu dhol 'nad bhrògan, Ach falbh le d' spògan casan ruisgt', Gun deach thu sìos dha' n chlòsaid, 'S gun do chuir thu do chròg 'sa bharaille, 'S gun d' ghoid thu fhéin 's gun do dh'òl thu, 'S gun do shealg thu mholaiseas orra. Gun d' rinn thu sin an uiread milis, Anns a' mhionaid dh'at i thu, Gun deachaidh duine [chuir a dh'iarraidh?], [Nìll Iain/ nighean?] 'ic Lachlann, 'S nuair a thuig e gur e rud a dh'ith thu, Chùm e a' sin thu is cnad [cnead] agad, Gun d' thug e sin dhut fìosaig, 'S gun cluinnte mìl' air astar thu. Nam biodh cabar steàraich, A' làmh Eachainn Iain, Gum bi e 'ga do shracadh, Gu h-àrd ann a' slinneagan, Cha sguireadh e gu bràth dhìot, Gus a' fàsadh tu iriseal, Is sguireadh tu goid a' chàis', Air Màiri bean Iain. Ghoid thu mulachag ás an fhiodhan, 'S thog thu rithe dhachaidh leath', Chunnaic i fhéin duine no [dithis?], Tilleadh ann an cabhag, Cha d' fhuair duine pioc dheth siud, Ach criomag a fhuair Lachlann dheth, 'S gun d' chuir thu sin 'san dìge, Is gun d' sgrìob thu rud fairis oirr'.