Back to recordings

Òran mar Gum B’ Ann le Mhnaoi (le ro-ràdh)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF085i02 ÒRAN MAR GUM B’ ANN LE MHNAOI (LE RO-RÀDH)


Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern
Bàrd: Alasdair mac Eóghainn Bhàin | Alexander MacLean


Chaidh an t-òran seo dhèanadh, seo dhèanadh thall air Cùl—Cùl Shiudaig. 'S e Moireasdanach a bh' ann. Agus tha seans' gun deachaidh e a-mach West, a dhol—bho chionn fhada. Agus dh'fhuirich e spell a' sin 's bha—dh' fhàg e a bhean aig an taigh 's tha seans' gu robh gill' òg aig an taigh a dh'fhàg e ás a dheòghaidh 's thill—chan eil mi cinnteach co-dhiù thill e air ais gu nach do thill, ach bha a bhean, bha i 'ga ionndrainn glé dhona. Ach co-dhiù chaidh an t-òran a dhèanamh mar gun dèanadh is' an t-òran.


[BREAK IN TAPE]


—bharran gun chadal, gun bhiadh,
Bho 'n a dh'fhalbh fear mo thaigh' do Chanada an Iar,
Och och 's mi gun leannan, mar is math le luchd bhriag,
Tha mise 'nam chaillich 's chan eil tlachd aca dhìom.


'S e thu dh'fhalbh gun thu thighinn dh'fhàg mise gun sunnd,
'S e bhith smaointeachdainn tric ort thro snigh air mo shùil,
Tha sac trom air mo chridh' nach tog dithis no triùir,
A bhith faicinn do bhriogais 's e na giobal 'sa chùl.


Tha mo smuainteanan cianail, tha mi dìomhain an dràsd',
Bha dùil agam pòsadh ri Dòmhnall mo ghràidh,
Cha robh siud ach nì gòrach 's an t-òganach slàn,
Bho 'n nach robh e fo 'n fhòid mar a dh'òrdaich mi dha.


'S e turas na sguathaich [squaw-aich] chuir am bruaillein s' 'ad cheann,
Gun d' rinn i do bhuaireadh ceart cho luath 's chaidh thu ann,
Thug i 'mach thu air ghualainn 's tu gu truagh leis an dram,
Ma rinn thu nì suarach chan eil bhunachd dhut ann.


Ach ma thilleas tu dhachaigh bidh do mhac air mo ghlùin,
Bidh Tormod 'sa bharren 's f[h]ear an Canada ùr,
Bidh e coltach ri athair ann an aithne 's 'na chliù,
'S mar a d' thuirt am facal, cha dèanar tanaidh [trèanaidh] gun triùir.



Nuair a théid mi dha 'n leabaidh bidh do dhrathais fo m' cheann,
Bidh mi bruadail 's ag aisling air an fhear bha 'na broinn,
Tha i a-nis air fàs luideach 's chan eil putan na bonn,
Chan eil sgàth gu cur unnam mur a b' urrainn mi ann.

Notes (fieldnotes):
"SONG BY MRS. MORRISON, JUDIQUE BARRENS" [sic]

Reference sources:
Angus Stephen Beaton MSS (PB 1633 U5), Celtic Collection, St. Francis Xavier University, p. 77

Team notes:
According to Oighrig NicRaing, the Mrs. Morrison of this song was possibly known as Flora and was from Eigg, Scotland, same as the subject of the song, Alexander Morrison, a neighbour of Mrs. Morrison. Alexander Morrison was separately satirized by three to four male bards during his lifetime. This satire made by Alasdair Mac Eóghainn Bhàin (Alexander MacLean) is featured in the Angus Stephen Beaton Collection. There is an additional verse in reply to MacLean by Aonghas Mac Alasdair (MacDonald) from Mabou, Nova Scotia.

John Alex MacEachern
Beinn Noah | Hillsdale 11 recordings Faic pròifil | view profile