Back to recordings

Òran do Thé a Chaidh air Chall (le ro-ràdh)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF085i01 ÒRAN DO THÉ A CHAIDH AIR CHALL (LE RO-RÀDH)


Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern
Bàrd: Alasdair Nìll Mhóir | Alexander MacDonald


Chaidh seo dhèanadh bho chionn—tha mi cinnteach gu bheil e teann air ceithir fichead bliadhna, na ma dh'fhaoidte còrr.
Boireannach a bh' ann 's chaidh i, chaidh i a thrusadh dhearcan 'sa bharran far—a River Denys. Agus chaidh i air chall 'sa bharran agus thachair dhi gun dàinig i 'mach a bhos cionn Siudaig, ann an Hillsdale, abair—ris an abradh 'ad Beinn Noah.
Agus thuirt i, an t-àite 'san dàinig i, gu robh fear an taigh, bha e 'na bhàrd, agus dh'fhaighnich e am boireannach alright 's dh'earbs' e rithe dh'fhuireach gus a' faigheadh i suipear. Is bha—cha b' urrainn dhi fuireach, an t-eagal oirre gum biodh 'ad uile a' coimhead air a son. Agus fhuair e an t-each, 's bha e gun wagon, is bha e gun dìollaid, ach dh'fhalbh e co-dhiù leath' is thug e dhachaidh i, cros bho 'n bharran, tha seans', air feadh na h-oidhch'.
Uill, seo mar a bha an t-òran co-dhiù: [BREAK IN TAPE]


['S ann?] am beul na h-oidhcheadh rinn,
Thòisich sinn ri glaoiceas,
Chualas gnogadh is chuir e sgoinn dhuinn,
Is nochd a-staigh a' mhaighdeann Màiri.


Dh'éirich mi a-nunn 'na còmhradh,
Feuch a' robh agam oirre eòlas,
Có bha siud ach nighean Dhòmhnaill,
Màiri dhòchais is chuir mi fàilt' oirr'.


Thuirt mi, "Tha thu gun do dhìnnear,
Dèanaibh suidh' mhionaid bhìodach,
Tha an t-suipear againn an [iarrad?],
Dèanaibh cupa tì do Mhàiri."


Thuirt i, "Chan eil math dhomh fuireach,
Bidh 'ad air mo thoireach uile,
Dòmhnaill Raghnaill is gillean Uilleim,
H-uile duine a tha 'sa Bhràigh'."


Ghlach mi an t-each is gun d' chuir mi an t-srian ann,
Bha mi gun wagon, gun dìollaid,
Chros mi am barran mór air [fhiaradh?],
B'fheudar dhomhs' triall le Màiri.


[Séist:] 'S e mo chaochladh mór a thàinig,
'S e mo chaochladh, tha mi 'smaointinn,
'S fhad' bho thìr a ghaoil a tha mi,
'S e mo chaochladh mór a thàinig.


Nuair ràna sinn àit' a' Bhràighnich,
Bha 'ad [gu h-uile?] aca 'san oidhche,
Bha solast ac' ann am [?],
'S 'ad a' faighneachd airson Màiri.


[BREAK IN TAPE]


[Airson?] dhomhsa a bhith tàlach,
Ged a chaidh mi air chall 'sa bharran,
Dh'amais mi ri daoine ghasta,
Is fhuair mi chur dhachaidh á baile.



Notes (fieldnotes):
"SONG FOR LOST WOMAN"

Team notes:
Cf. Sarah MacDonell, "'S e mo chaochladh mór a thàinig (le ro-ràdh)," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, February 28, 1978. The placenames River Denys, Hillsdale, and Beinn Noah are mentioned in this track.

John Alex MacEachern
Beinn Noah | Hillsdale 11 recordings Faic pròifil | view profile