GF084i05 FÀILTE DHUIT, DEOCH-SLÀINTE LEAT Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist:] Fàilte dhut, deoch-slàinte leat, 'S e an t-òr a chuirinn ás do dhéidh, Fàilte dhut, deoch-slàinte leat. Ged a tha na cuaintean farsuing, Sinn air ar sgaradh bho chéil', Cuimhnich ge b' e àit' 'san tàmh thu, Air na dh'fhàg thu ás do dhéidh. Chunnaic mi ri tighinn bho mhonadh, Am fear dugh [dubh] dha 'n d' thug mi spéis, Làmh a's grinn' air chùl a' sgrìobhaidh, Bidh na h-ìghneagan 'na dhéidh. Bu tu sealgair chabar-choille, Bu tric a lìn air na stuadh, Bradan breac leis a' chrannaibh, An coileach 'sa choille dhlùth. Bu tu mealltair nan cloinn nighean, Dhannsadh tu fìdheall nan teud, Dh'fhàg thu saighead 'na mo chridh', Nach leigheis lighich' a tha fo 'n gréin', Ged a tha na cuaintean farsuing, Sinne air ar sgaradh bho chéil', Cuimhnich ge b' e àit' 'san tàmh thu, Air na dh'fhàg thu ás do dhéidh.