GF084i03 HOIREANN Ò HI RI ILL Ù Beulaiche: Tomaidh Peigi Thòmais | Tommy Peggy MacDonald and Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist:] Hoireann o hi ri ill ù, Hò rò hi iù ho éileadh, Hoireann o hi ri ill ù. [Tommy Peggi:] 'S moch an-diugh a rinn mi éirigh. Ma 's moch an-diugh, 's moch an-dé e. 'S ghabh mi 'mach air cois an t-sléibhe. 'S fhuair mi gruagach dhonn ag éirigh. 'S i cur bhuaipe bhàrr na sléibhe. 'S leig i orm mór 's éibhneis. 'S thuirt mi rith' nach b' eagal beud dhi. Nach d' thugainn bho m' athair fhéin i. Na bho h-athair mar a b' fheudar. O [air] a-nist? [John Shaw:] Rinn i 'n duilleag bhreac a leughadh. Ann an Gàidhlig, ann an Beurla. Ann a' Laideann, ann an Greugais.