Ò hù ho rò hù a hì hù ho rò éileadh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF084i01 Ò HÙ HO RÒ HÙ A HÌ HÙ HO RÒ ÉILEADH
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Séist:] Ò hù ho rò hù a,
Hì hù ho rò éileadh,
Ò hù ho rò hù a.
Nighean donn a' chùil cheutaich,
'Na do ghnùis a bha riaghladh,
Bho 'n là chunna mi riamh thu,
B' e mo mhiann a bhith réidh riut.
Nighean donn a' chùil chleachdt',
Nan gruaidh a's deirge daithteadh,
'S mi nach iarradh làn beartais,
Ach ceartas na cléire.
Bha mise fo chùraim,
A's a' mhadainn an àm dùsgadh,
Mi ri faicinn a' chrùbag,
Air mo chùlaibh gun éirigh.
Na gabh leannan gu bràth,
A bhios an achlais a màthar,
Bithidh ceal ort a nàdur,
Chan fhaigh càch e ri leughadh.
Rinn mi coinneamh ri gruagach,
A bha ceanalta stuamail,
Bha i aighearach uasal,
Gach gluasad deagh bheusan.
Comhairle a bheirinn air caraid,
Bhiodh a' dol a dhèanamh banais,
Gun a thréig e na leannan,
Airson luchd aithris nam breugan.
Comhairle a bheirinn air òigfhear,
A bhiodh a' dol a phòsadh,
Gun a thréig 'na thòir oirr',
Dh'aindheoin òraid air leughadh.
Chan e do bhrèaghad no do bhòidhchead,
Thug ormsa do phòsadh,
Ach buaireadh an òir,
A bha brònach 'sa bhréidean.