An Oidhche Bha Luadhadh Ann
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF083i05 AN OIDHCHE BHA LUADHADH ANN
Beulaiche: Tomaidh Peigi Thòmais | Tommy Peggy MacDonald
Bàrd: Lazarus | Norman W. MacDonald
[Séisd:] 'S ho ro b' e mo rùn thu,
Ma chuir thu do chùl rium,
O 's ann a tha mo rùn air,
A' nighean dubh a thréig mi.
'S an oidhch' a bha luadhadh ann,
A rinn na balaich gluasad,
Gun d' stiùir iad air an tuath i,
Bu truagh mar a dh'éirich.
Sìos aig àite Thormaid,
Siud far nach eil i garbh [riuth'/riut?],
Thuirt Beileag Mhór, "Gu dearbha,
Tha an fhearg air a' bhéist ud."
Sìos aig àite Sheòrais,
Cha robh na fir a' sòradh,
Thuirt Angie ri Dòmhnall,
"Nach bòidheach an ceum aic'?"
'S an nuair sin a dheònaich 'ad,
Gun deidheadh Angie còmhla ruith',
'S ann aig Niall Beag bha spòrs air
Na boys air na reins.
'S thuirt Donald John gu coibhneil,
"Fuiligidh an t-sleigh poidhle;
'S e Calum rinn a ghoibhneachd,
'S a splice-adh ri chéile."
'S e Ailidh a bha dòigheil,
Nuair fhuair e còmhla ri Seònaid;
Bha ghaileas fo 'n a' stòbha,
Is a bhrògan fo 'n t-sèidhir.
'S e Dànaidh a bha aoibhneachd,
Is [fheudar / idir e?] 'son time,
Bu neònach nach do find e,
Air maighdeann [na shane/leis fhéin e?].
'S gur mise tha gu brònach,
'Gad 'fhàgail, ach, a Sheonaig,
'S mi màireach 'dol a sheòladh,
Air bhòids' do Jamaica.
Reference sources:
"An Oidhche bha Luadhadh ann," An Drochaid Eadarainn, https://web.archive.org/web/20250322162230/http://www.androchaid.ca/5-oidhche-bha-luadhadh-ann
Team notes:
Cf. John Shaw, "Horò B' e Mo Rùn Thu," interview by Donald Archie MacDonald and John Shaw, Tobar an Dualchais, n.d., audio, 05:18, https://www.tobarandualchais.co.uk/track/104691?l=en