Back to recordings

An té sin air an robh mi 'n geall

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF083i01 AN TÉ SIN AIR AN ROBH MI 'N GEALL
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw


[Séist:] 'N té sin air a robh mi 'n geall,
Gruaidh mar 'n caorann dearg' air crann,
Caileag bhòidheach a' chùil duinn,
'S gil' thu na sneachda nam beann.


Feasgar foghair aig cnoc àrd,
Air a' bhuain cha robh thu ceàrr,
Ghlac thu 'n corran 'na do làimh,
'S chuir thu cochuill air na bh' ann.


'S fhuair mi do litir DiMairt,
Air a sgrìobhadh le do làimh,
Mus do leugh mi dhi ach pàirt,
Dh'òlainn fìor dheoch-slàint' an dram'.


Fhuair mi do litir DiLuain,
Thàinig thairis air a' chuain,
Mìn a' broilleach aig mo luaidh,
'S dual an gruag a bheil air ceann.


Fhuair mi do litir an-dé,
'S gun innis mi nach dèanainn feum,
Cha robh fiacal bha 'nam dheud,
Nach do leum té null 's a-nall.




John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile